Home > Event > Dùthchas | Home *Làn*

Dùthchas | Home *Làn*

Tha an tachartas seo a-nis làn.  Cuiribh post-d gu taigh@taigh-chearsabhagh.org leis an ainm agus àireamh fòn agaibh air eagal ’s gum bi àite a bharrachd ri fhaighinn fhathast.  Cuideachd thèid am film a shealltainn a-rithist ann an Talla Chàirnis air 3 Sultain.  Gheibhear tiogaidean an seo.

“Tha e mar gun robh thu ann fiùs mun do rugadh thu” 

Do chuid againn, tha dà àite ris an canar ar dachaigh – far an do rugadh sinn is far a bheil sinn a’ faireachdainn a bhuineas sinn fhathast, agus an t-àite far a bheil sinn a’ fuireach a-nis. Tha am film seo mun chianalas a tha feadhainn a dh’fhàg Beàrnaraigh a’ faireachdain, airson an àite far an do rugadh iad, agus a’ chuimhne air an àm a dh’fhalbh dhan fheadhainn a dh’fhuirich no a thill, nuair is e an dachaigh nan cridhe cuideachd an t-àite far a bheil iad a’ còmhnaidh.

Tha am film aithriseachd Dùthchas | Home a’ toirt sealladh dhrùidhteach, tiamhaidh is làn faireachdainn dhuinn air dè bha e a’ ciallachadh – agus a tha fhathast – do dhaoine, is do bhoireannaich gu h-àraid, a bhith a’ fàgail eilean am breith gus foghlam, cosnadh is còmhnaidh fhaighinn. Tha sinn a’ coimhead air a’ bhuaidh a bha aig a seo air cànan is dualchas Gàidhlig an eilein. ’S e film gu sònraichte drùidhteach a tha seo do neach sam bith aig a bheil ceangal ris na h-Eileanan. Na lùib, tha seann fhilm 8mm Kodachrome nach fhacas riamh roimhe de bheatha làitheil air Eilean Bheàrnaraigh sna 60an is 70an, measgaichte le agallamhan le daoine às an eilean is mòran a bha san t-seann fhilm. Tha seallaidhean suaicheanta a’ nochdadh a-rithist is a-rithist de bhith a’ fàgail an eilein, càirdean is caraidean air a’ chidhe a’ fàgail soraidh slàn mus fhalbh iad às an t-sealladh. Ged a tha am film gun fhuaim, cha mhòr nach cluinn thu fuaim an caoineadh. Chaidh ceòl a chruthachadh a dh’aona-ghnothach le Dòmhnall Seathach, a’ tarraing à beairteas dualchas òrain Ghàidhlig agus às na fuinn chumhachdach nan cois.

Thigibh còmhla rinn airson taisbeanadh sònraichte air Dùthchas | Home aig Talla Coimhearsnachd Bheàrnaraigh airson comharrachadh foillseachadh an fhilm agus gu bheil am film air a thaghadh airson Fèis Fhilmichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann.  Glèidhibh tiogaid an-asgaidh gu h-ìosal.  Tha Talla Bheàrnaraigh a’ cruinneachadh taic-airgid airson mullach ùr agus bhiodh iad taingeil airson tabhartas sam bith, air-loidhne tro crowdfunder an seo, no fàgaibh airgid aca aig an doras.   

Ma ghlèidheas sibh tiogaid agus nach urrainn dhuibh an uair sin tighinn ann airson adhbhar sam bith, bhiomaid taingeil nan leigeadh sibh fhaicinn dhuinn cho luath ’s as urrainn, air postd gu taigh@taigh-chearsabhagh.org gus an urrainn dhuinn an tiogaid a thabhann do chuideigin eile.  

Airson barrachd fiosrachadh mu dheidhinn sgrìnidhean eile, tadhal air an làrach-lìn Dùthchas.

Aithris Stiùirichean:

Anndra MacFhionghain 

“Nuair a chaidh an cruinneachadh filmichean seo a thoirt seachad don phròiseact tasglann film FAODAIL | FOUND, mar a tha Dòmhnall ag ràdh san fhilm, cha robh fios againn dè bha na lùib a bharrachd air na bha sgrìobhte air a’ bhocsa ridhleachan – Beàrnaraigh 1960-78. Le làn choibhneas luchd-taic tro crowdfunder, chaidh againn an cruinneachadh a chur ann an cruth didseatach 4K agus chuir e annas mòr oirnn na bh’ ann de sheallaidhean iongantach air na ridhleachan.  Bha aon sealladh ann a bha ga chlàradh a h-uile turas a dh’fhàg na filmeadairean, Bill & Ann Scott, an t-eilean – sin caraidean is càirdean a’ smèideadh bhon chidhe is an t-eathar a’ tarraing air falbh.  Bha fios agam gu robh film againn ri dhèanamh.”

Tha Anndra MacFhionghain air a bhith ag obair ann am film cruthachail is co-obrachail bho dheireadh nan 80an, agus tha e a’ fuireach ann an Uibhist a Tuath. Bha e na stiùiriche / dealbhadair / riochdaire air an fhilm-aithriseachd TRANSITION, le buidsead £300k a chaidh ainmeachadh airson duais Bafta na h-Alba – a’ chiad fhilm-aithriseachd Albannach a chaidh a thaghadh gu h-oifigeil aig IDFA ann an 2000. Ann an 2000, bha e ag obair le Taigh-tasgaidh is Ionad-ealain Thaigh Chearsabhagh gus an aithriseachd chom-pàirteachail Passing Places – The Real Outer Hebrides, a dhèanamh. Tha e dealasach mu cheistean mun àrainneachd agus mu na h-eileanan far a bheil e a’ fuireach a-nis.

Curstaidh NicDhòmhnaill

“Tha na filmichean luachmhor seo à Bheàrnaraigh a’ toirt cothrom shònraichte dhuinn rannsachadh mar a tha call cultair agus call cànain air buaidh a thoirt air aon eilean bheag.  Chithear an aon sgeulachd air feadh nan eilean thairis air an linn a dh’fhalbh, ach tha e cudromach beachdachadh air a seo làimh ris an fhaireachdainn coimhearsnachd agus buntainn a tha domhainn fhathast chun an là an-diugh.  ’S e rud prìseil a th’ ann sgeulachd Bheàrnaraigh a chluinntinn bho na h-eileanaich fhèin (agus an t-sliochd), agus bha e na urram dhomh barrachd eòlais a chur orra tron obair seo.”

Tha Curstaidh NicDhòmhnaill air a bhith ag obair ri cànan is dualchas na Gàidhlig o chionn còrr is fichead bliadhna. À Uibhist a Tuath bho thùs, tha i fileanta sa Ghàidhlig, agus tha ùidh mhòr aice ann am mion-chultaran is mion-chànain, eachdraidh is eitn-eòlas. A bharrachd air a bhith a’ rannsachadh is a’ cur an làthair sreath àrc-eòlais ‘Talamh Tròcair’, tha i air a bhith an sàs ann an caochladh chraolaidhean do BhBC Alba, leithid An Dotair Mòr (2014), An Cràdh (2015), An Taistealaiche (2019), Iorram (2019) agus Maorach (2021). Is e Dùthchas a’ chiad dreuchd stiùiriche aice.

Fear a’ chiùil Dòmhnall Seathach

Tha Dòmhnall Seathach cliùiteach mar cheòladair is riochdaire, agus mar stiùiriche fhèisean agus na sgrìobhadair-ciùil a th’ air iomadh duais a chosnadh. Tha e air clàradh is obrachadh air còrr is 100 clàr le luchd-ciùil anns gach seòrsa ciùil, air ceòl a choisinn duaisean Bafta a chruthachadh agus coimiseanan mòra beò a stiùireadh. Rè a’ bheatha ri ceòl tha Dòmhnall air a bhith an sàs ann an sgrìobhadh airson film is telebhisean. Tha e air ceòl a chruthachadh is a riochdachadh airson HBO, Netflix, Amazon, BBC, Channel 4 agus seanailean càbaill sna Stàitean Aonaichte. Am measg nan coimiseanan airson fuaim-taice o chionn ghoirid tha an sreath air BBC Network Nature, Scotland’s Wild Heart, an dràma Bannan air BBC Alba, agus sreath na cloinne Katie Morag a ghlèidh duais Bafta. Chaidh an ceòl a rinn e airson Hebrides – Islands on the Edge (air aithris le Eòghainn MacGriogair) ainmeachadh airson duais chliùiteach Jackson Hole. Chuir e ri fuaim-taice sreath HBO Succession, a ghlèidh duais Emmy. Tha London Philharmonic Orchestra a’ BhBC, Orchestra Halle, Scottish Symphony Orchestra a’ BhBC, Royal Scottish National Orchestra agus Scottish Chamber Orchestra air ceòl leis a sheinn. Chaidh dà dhuais leis an Royal Television Society airson Fuaim-taice as Fheàrr agus Cuspair as Fheàrr a bhuileachadh air airson sreath a’ BhBC Crowdie and Cream (air a sgrìobhadh cuide ri Teàrlach MacCiarain), agus chaidh an ceòl farsaing air a cho-chruthachadh le Seumas Grannd anns a bheil ceòl is bàrdachd airson film-ealain nam mìle bliadhna, Transition, le Anndra MacFhionghain ainmeachadh airson duais Bafta airson Fuaim-taice as Fheàrr.

Riochdairean John Archer (Hopscotch Films) agus Anndra MacFhionghain (FilmUibhist)

Bidh John Archer agus Hopscotch Films ag obair le luchd-stiùiridh aithriseachd barraichte gus pròiseactan an tlachd a dhèanamh. Chaidh My Old School le Jono MacLeòid a thaisbeanadh an toiseach ann an Sundance am-bliadhna agus thèid a sgaoileadh ann an taighean-dhealbh na RA san Lùnastal. B’ e The Story of Film: a New Generation le Mark Cousins a’ chiad fhilm a chaidh a thaisbeanadh ann an Cannes 2021, agus fhuair e moladh mòr mòr. Am measg nam pròiseactan eile cuide ri Mark Cousins tha: Women Make Film: A New Road Journey Through Cinema (Fèisean Fhilmichean Venice, Toronto is Lunnainn), a fhuair duais Innovation in Storytelling aig European Film Awards 2020; I Am Belfast; Atomic:Living In Dread And Promise agus The Story Of Film: An Odyssey (Duais Peabody, Duais Stanley Kubrick) a thathar air a chur gu HD o chionn ghoirid agus a tha fhathast ga reic air feadh an t-saoghail deich bliadhna an dèidh dha nochdadh an toiseach. Tha prìomh-fhilmichean eile ann le Matt Pinder – Harry Birrell Presents Films of Love and War (a fhuair Duais an Luchd-èisteachd aig Fèis Fhilmichean Ghlaschu 2019); Eminent Monsters le Stephen Bennett (Traverse City Film Festival 2019, a ghlèidh an Aithriseachd a b’ Fheàrr aig Fèis Chòraichean Daonna Bheul Feirste); agus Make Me Up le Raonaid NicIlleathain (LFF, Rotterdam, Gothenburg)

Chaidh FilmUibhist, a tha stèidhichte ann an Uibhist a Tuath, a chur air bhonn le Anndra MacFhionghain ann an 2013 an taobh a-staigh Urras Thaigh Chearsabhagh, agus bidh e a’ cruthachadh raon farsaing de shusbaint nam meadhanan, agus a’ coimiseanadh is a’ co-obrachadh air ìomhaigh ghluasadach luchd-ealain. Riochdaich is stiùir Anndra a’ chiad choimisean airson aithriseachd air a craoladh le FilmUibhist, An Dotair Mòr (2014), a fhuair moladh mòr.  O chionn ghoirid bha e ag obair le Joshua Bonnetta, a chaidh am prìomh-fhilm leis air a chlàradh ann an Uibhist, An Dà Shealladh, a thaisbeanadh an toiseach aig Forum Berlinale 2020. 

Tha e mar amas aig pròiseact Filmichean Aosmhor nan Eilean le FilmUibhist, FAODAIL, filmichean aosmhor dùthchasach a dhigiteadh is a sgaoileadh seach gu bheil an stuth air fad aig Ìomhaigh Ghluasadach Leabharlann Nàiseanta na h-Alba an-dràsta a’ nochdadh bho shealladh dhaoine à taobh a-muigh nan eilean.

Le taic bho Riaghaltas na h-Alba agus bhon Chrannchur Nàiseanta tro Sgrìn Alba.