Home > Event > Dùthchas: Tro lèirsinn a’ pheantair

Painting of a man driving a red tractor and trailer of peats, with a stone wall in the background.

Dùthchas: Tro lèirsinn a’ pheantair

’S e cruinneachadh obrach ùr a th’ ann an Dùthchas: Tro lèirsinn a’ pheantair, air a pheantadh bho dhealbhan-fhilm bho thasglann air Beàrnaraigh anns na 1960an agus 1970an, a chaidh a ghlacadh le Ann agus Bill Scott, agus air a thar-sgrìobhadh às ùr leis a’ pheantair Yasmin Davidson.

Bidh fàilte romhaibh aig tachartas Yasmin Davidson ann an còmhradh le Andy MacFhionghain, air Diciadain 1 Cèitean, 7pm, airson deireadh an taisbeanaidh a chomharrachadh.

Tha obair Davidson a’ glèidheadh doimhneachd de dh’aithris a tha tric air a shealltainn tro chleachdadh dhathan làidir agus comharraidhean sgairteil.  Tha a h-obair a’ sealltainn an dà chuid àbhachdas agus tiamhaidheachd a cheart uimhir ri chèile, a’ gabhail a-steach na tha aithnichte agus na tha coimheach.

“’S e tha fàgail dealbhadaireachd-camara na innleachd neònach – le toraidhean ris nach bithear an dùil – gur iad solas agus ùine na prìomh bun-stuthan.” John Berger

Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha obair Davidson air fàs tro ghabhail dhealbhan-camara air cuspairean eileanach aithnichte san cruth-tìre agus gan leasachadh seo nan lèirsinnean mac-meanmnail ùra le peant ola.  Tha an tàr-chur air dealbhan bho na filmichean 8mm aig Scott, a chaidh an taisbeanadh bho chionn ghoirid san fhilm aithriseach Dùthchas, na ghluasad ùr agus air nochdadh “toraidhean ris nach robhar an dùil” mar a chomharraich Berger.  Tha taghadh de phìosan air an togail tron roghainn dhathan shònraichte aig Davidson, far a bheil peantadh de sheallaidhean fìor gan cur air bhog air talamh cian-dathach. 

Tha Beàrnaraigh an dèidh a bhith air a sgrùdadh agus air a chomharrachadh le luchd-togail deilbh is fhilmichean thairis air mòran bhliadhnaichan.  Tha am peantadh aig Yasmin Davidson na thabhartas ùr luachmhor don tasglann seo, a’ tabhann meòrachadh air an àm a dh’fhalbh, tro lèirsinn pheantadh cho-aimsireil.

Tha an teacsa seo bho artaigil nas fhaide le Keith MacIntyre, RSA, Professor Emeritus anns na h-Ealain Saora aig UHI, ri fhaighinn bho Thaigh Chearsabhagh ann am bileag  air ùr fhoillseachadh, mu pheantadh Yasmin Davidson.

Rugadh Yasmin Davidson ann an Dùn Dèagh ann an 1990.  Dh’fhàs i suas sa bhaile agus bha i na h-oileanach anns na h-Ealain Saora aig Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone, a’ ceumnachadh ann an 2013.  Bha Davidson uair a’ fuireach ann an Canada agus tha i air siubhal air feadh nan Stàitean Aonaichte.  Ghluais i gu Uibhist a Tuath ann an 2019 agus tha i a-nis a’ fuireach agus ag obair ann am Beàrnaraigh.  Bidh Yasmin Davidson tric a’ taisbeanadh a h-obair cuide ri Comann Ealain Uibhist agus ann an gailearaidhean air feadh nan Eilean Siar.

Còir-deilbhe: Yasmin Davidson