Home > Event > EBBE+FLOW

A number of wooden crates with items inside.

EBBE+FLOW

’S e taisbeanadh iomlaid a th’ ann an EBBE+FLOW, air chuairt na chiste fhiodh fhèin, luma làn obair ealain is ìomhaighean a tha a’ ceangal Nirribhidh agus Alba.  Tha obair naoinear luchd-ealain na lùib – Marit Tunestveit Dyre, Rhona Fleming, Sarah Jost, David Lemm, Jon MacLeoid, Randi Annie Strand, Calum Wallis agus an dithis luchd-tasgaidh David Faithfull agus Imi Maufe.

Thàinig e ri chèile bho ùine a chur an luchd-ealain seachad còmhla air dà ghreis-mhuinntireis (w)ORD, ann am Muile ann an 2018, agus aig Tjuvika ann an Gulen, Nirribhidh ann an 2019. Tha an taisbeanadh a’ glacadh, na chruth agus na rèiteachadh, brìgh na h-iomlaidean chultarail agus na h-iomlaidean mhara a’ siabadh eadar an dà thìr tarsainn a’ Chuain a Tuath, gu h-eachdraidheil agus san latha an-diugh. Tha seo a’ gabhail a-steach lìonadh is tràghadh an làin, daoine agus nithean eadar Nirribhidh agus Alba, leantainn an t-sìde agus sruth na mara, air ais is air adhart, bhon ear chun iar is bhon iar chun ear.  Tha pròiseact EBBE+FLOW air a chur air adhart le taic bhon Bergen Ateliergruppe agus an SSA.

Thigibh còmhla rinn airson feasgar fosglaidh EBBE+FLOW ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 20 Faoilleach, bho 7f.  Bidh fàilte ron h-uile duine.  

Bidh David Faithfull a’ tighinn còmhla rinn airson còmhradh mun iomlaid còmhla ri cuid den luchd-ealain à Nirribhidh tro Zoom. Bidh sinn a’ toirt aoigheachd don seo mar seanchas tar-chinealach air-loidhne / pearsanta a’ cleachdadh Meeting Owl, a’ tòiseachadh bho 7.30f. Ma tha thu airson tighinn còmhla rinn air astar, feuch an glèidh thu tiogaid an-asgaidh gus an urrainn dhuinn ceangal Zoom a chuir thugad air post-d.

Tha an taisbeanadh an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine bho 10m-4f, Diluain gu Disathairne, ann an Gailearaidh 1 aig Taigh Chearsabhagh.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.