Home > Event > Euchdan Eigheachdail

A white piece of ice floats in the Arctic sea, and a man sits in a chair i the middle of it.

Euchdan Eigheachdail

Euchdan Eigheachdail – aithris bhon Artach

Taisbeanadh mun Deigh Artaich – mar a tha i ann, mar a tha i a’ falbh, san àm a dh’aom agus san àm ri tighinn.

“Cha tèid an saoghal bàs a-chaoidh le cion iongnaidhean ach dìreach le cion iongnaidh”

– G.K. Chesterton

Tha an luchd-ealain Mary Walters, Elizabeth Bourne, Adam Sébire agus Martin Disley a’ cur an làthair taisbeanadh ùr Euchdan Eigheachdail – bho cheathrar luchd-ealain a tha air ùine nach beag a chur seachad ann an àrainneachdan Artach, agus a tha air sreath na chois de shaothar a chur ri chèile a tha a’ cur ri mothachadh air iongnadh na h-eighe mar chuspair agus a’ cur cheist a thaobh mar a tha i a’ dol à bith. Chan eil sinn a’ cumail a-mach gu bheil freagairtean againn, ach tha fios againn gu bheil uallach oirnn do na glùintean ri tighinn ar cuid ghnìomhan a cheasnachadh, agus cuideachadh ann an dòighean sam bith a leigeas ar cuid ealain leinn.

Bidh an ro-shealladh aig 6.30f air an 29mh dhen Dàmhair, air-loidhne agus gu pearsanta anns an gallearaidh aig an aon àm. Glèidh do thiogaidean an seo.

Dealbh gu h-àrd: Still bho AnthropoScene IV : Adrift (Asea-ice) le Adam Sébire

A glowing blue planetary orb on a black background

Tha cuimhne aig an deigh, ’s e dath na cuimhne seo liath, liath de nach fhaighear a leithid eile san domhan – liath na tìde.

Thathar a’ faighinn plathadh de liath na tìde mu aodannan shruthan-eighre ‘s iad a’ breith nan laogh far a bheil beanntan-deighe ceud mìle bliadhna dh’aois a’ bòcadh gu bàrr nan caolas à fada fo ìre ‘n uisge.

Tha liath na tìde cho àlainn ’s gu bheil i a’ slaodadh is a’ tarraing colainn is inntinn ga ionnsaigh.

bho Underland le Robert MacFarlane.