Home > Event > Faodail | FOUND

Faodail | FOUND

Anns an Iuchar, bidh sinn a’ taisbeanadh taghadh de sheann fhilmichean a rèir prògram leantainneach ann an Gaileiridh 1. Gu ruige 1979, cha deach mòran film gluasadach stèidhichte sna h-Eileanan an Iar a dhèanamh bho thaobh muinntir nan eilean. Cha robh sealladh no cànan dùthchasach an lùib film sam bith agus air sàillibh sin b’ e dealbh aineolach, agus uaireannan romansach no nàireach, de bheatha nan eileanach a rachadh a sgaoileadh don mhòr-shluagh.

Ciamar a bhios luach cultarail na h-ìomhaigh gluasadaich ag atharrachadh a rèir beachd an ùghdair?

Anns a’ phròiseact seo tha sinn airson na leanas a chur an cruth didseatach gus am bi cothrom aig a’ choimhearsnachd am faicinn;

  • Cinema Sgìre 1979-82 pròiseact bhideo coimhearsnachd, air tèip Sony V-60H, stèidhichte ann am Beinn nam Faoghla, air a stiùireadh le Mike Russell
  • Cruinneachaidhean bhideo a chaidh a lorg o chionn ghoirid a leithid: (Uibhist a Tuath) cruinneachadh Annie NicDhòmhnaill, cruinneachadh Màiri Chaimbeul, cruinneachadh Gloria NicFhilip, cruinneachadh Dr Ailig MhicLeòid, 1962 Turas Iasgaich Uibhisteach (8mm, tùs neo-aithnichte)
  • Filmichean dachaigh nach deach a lorg fhathast (super/8mm,16mm) às na h-Eileanan an Iar.

Tha e fa-near gum bi tasglann filmichean nan Eileanan an Iar ri fhaotainn don mhòr-shluagh ann an dòigh thaisgte air-loidhne agus ionadan cleachdaidh ann an taighean-tasgaidh, sgoiltean, leabharlannan is comainn eachdraidh agus làraichean dualchais is ealain air feadh nan eilean. Bidh Feudal | FOUND a’ cumail thaisbeanaidhean poblach, thachartasan cuimhneachaidh is phròiseactan riochdachaidh airson ìomhaighean gluasadach san tasglann bho thaobh muinntir nan eilean san latha an-diugh.

A bheil eòlas agad fhèin air filmichean no bhideothan dachaigh anns na h-Eileanan an Iar nach eil ann an Tasglann Ìomhaighean Gluasadach Leabharlann Nàiseanta na h-Alba fhathast?

Nach cuir thu fios gu Andy MacFhionghain, UistFilm – Riochdaire is Manaidsear Ealain, Taigh Chearsabhagh – Taigh-tasgaidh agus Ionad-ealain.     andy@taigh-chearsabhagh.org       01870603977