Home > Event > Feasgar bàrdachd: All Shall Be Well

Photo of a woven sculpture by artist Clee Claire Lee

Feasgar bàrdachd: All Shall Be Well

Thigibh còmhla rinn airson feasgar bàrdachd a tha a’ tighinn an cois taisbeanadh a tha ann an Taigh Chearsabhagh an-dràsta, Aonachd | Sameness | Disturbance | Troimh a Chéile, agus sin a’ beachdachadh air fèin-aithne, àite agus soirbheas.

Leig le d’ inntinn siubhal gu saorsnail.  Thoir leat a’ phìos bàrdachd as fheàrr leat no pìos a sgrìobh thu fhèin a bu toigh leat aithris aig a’ chruinneachadh.  ‘S dòcha gur e bàrdachd a chuidich no a bhrosnaich thu aig àm dùbhlannach a th’ ann, no pìos a tha a’ comharrachadh cheanglaichean brìghmhor le àite shònraichte, no a tha a’ meòrachadh air gach nì a tha math mun t-saoghal.  Mar as àbhaist, chan eil duine fo uallach leughadh, chan fheum thu ach tighinn agus èisteachd.  Bidh fàilte air gach duine.

 

Còir-deilbh: Claire Clee Lee, 2022