Home > Event > Feasgar bàrdachd: Chan eil dad cho bòidheach

Photo of the North Uist bulb plantation, from the MacKenzie family film archive.

Feasgar bàrdachd: Chan eil dad cho bòidheach

Thigibh còmhla rinn is sinn a’ comharrachadh ràithe ùir, le feasgar bàrdachd air cuspair: Chan eil dad cho bòidheach.  Air a thogail bhon bhàrdachd ‘Spring’ aig Gerard Manley Hopkins, dh’fhaodadh “chan eil dad cho bòidheach” bualadh air iomadh rud.  Ge brith dè bheir e gur n-inntinn no a tharraingeas sibh ri leughadh, bu toigh leinn an roghainn bàrdachd agaibhse a chluinntinn.

Ged nach biodh sibh ag iarraidh bàrdachd a leughadh, bidh fàilte romhaibh airson èisteachd ri leughaidhean, aig feasgar bàrdachd chàirdeil.

Tha feasgar bàrdachd na mìos seo beagan nas tràithe sa mhìos na ’s àbhaist, ron Chàisg. Dealbh air àiteachais bhulbaichean ann an Uibhist a Tuath, le cead bho theaghlach MhicCoinnich a tha air tasglann film a thoirt air iasad do thasglann FAODAIL aig UistFilm.