Home > Event > Feasgar Bàrdachd le Gerry Cambridge

Feasgar Bàrdachd le Gerry Cambridge

Ceangailte ri bhith a’ sealltainn air saoghal an nàdair, tha Taigh Chearsabhagh a’ cumail oidhche de bhàrdachd is sinn air cuireadh a thoirt do Gerry Cambridge an t-saothair aige a nochdadh.

Bidh dreiseag ghoirid mic fosgailte ann mar chuid de dh’oidhche na bàrdachd cuideachd. Thoir leat duanag a bhuineas ri fiadh-bheatha no ar saoghal, no dìreach nochd is èist agus gabh tlachd às an oidhche.

Tha Gerry Cambridge na bhàrd agus is e The Light Acknowledgers (HappenStance Press, 2019) an siathamh duanaire is an duanaire as ùire aige. Stèidhich e an iris a bhuineas ri dà thaobh a’ Chuain Mhòir The Dark Horse, agus is i prìomh iris na bàrdachd ann an Alba fhathast, ann an 1995. Tha e cuideachd ri aistidhean, dealbhadh is suidheachadh clò, agus an sàs ann an dealbhan de shaoghal an nàdair agus ùidh fad a bheatha ann an saoghal an nàdair. Dh’fhuirich e ann an carabhan ann an Siorrachd Àir fad fichead bliadhna mus do dh’fhàg e gus a bhith na Sgrìobhadair Brownsbank air Mhuinntireas bho 1997 gu 1999 san taigh a bh’ aig Ùisdean MacDhiarmaid. Tha e air a bhith na Sgrìobhadair air Mhuinntireas aig Urras Rìoghail Litreachais aig Oilthigh Dhùn Èideann (2007 gu 2009) agus aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu (2010 gu 2012). Gu tràth sna ficheadan aige b’ e, fhad ’s as fhiosraich e, air aonan de na sgrìobhadairean saor-lannsa a b’ òige, a’ sgrìobhadh aistidhean air an nàdar gu h-àraidh, airson Readers Digest na RA, aig an robh aig an àm (na 1980an) luchd-leughaidh an comhair na mìos de 1.5 mhillean.

Bidh Gerry cuideachd a’ cumail buidheann-obrach ann an sgrìobhadh aig Taigh Chearsabhagh air Disathairne 29 Dàmhair. Airson barrachd fiosrachaidh agus àite chur an dara taobh, nach tadhail thu air duilleag an tachartais.

Bu toil le Taigh Chearsabhagh taing a thoirt do Live Literature Scotland airson an taic.