Thigibh còmhla rinn, ann an Taigh Chearsabhagh no air-loidhne, airson feasgar bàrdachd agus dealbhadaireachd. Leughaidh Valerie NicGillIosa bho chruinneachadh ùr a tha a’ dèanamh moladh air fiadh-fheur na h-Alba, agus thèid dealbhan aig Rebecca Marr an sealltainn na lùib, le mìneachadh air na dòighean co-obrachaidh aca.
Bruidhinnidh Valeire mu dheidhinn aithneachadh na seòrsaichean feur, a’ cur seachad ùine san t-saoghal aca, agus a bhith a’ cur eòlas air na h-ainmean aca. Bheir i soilleireachadh air ciamar a tha e math don t-slàinte againn a bhith a-muigh a’ coimhead an fheòir a’ gluasad ann an oiteig, agus mar a bheir e deagh bhuaidh oirnn a bhith a’ faicinn an iomadachd.
Thig an tachartas gu crìoch le còmhradh leis an luchd-èisteach air an eòlas fhèin air saoghal nam feur.
Tha dà roghainn agaibh airson a bhith an làthair aig an tachartas. Airson a bhith san luchd-èisteachd ann an Taigh Chearsabhagh, glèidhibh tiogaid an-asgaidh gu h-ìosal. Nam b’fheàrr leibh gabhail pàirt bhon taigh, iarraibh tiogaid an-asgaidh airson làthaireachd air-loidhne, gus am faigh sibh ceangal Zoom. Thèid an ceangal thugaibh air post-d goirid ron tachartas.
Tha Valerie NicGillIosa na bàird cliùiteach air a h-aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta agus bha roimhe na Makar Dhùn Èideann. Tha i na neach-teagaisg brosnachail airson sgrìobhadh chruthachail agus air iomadh caidreabh sgrìobhaidh a chumail air feadh na dùthcha. Bidh i tric a’ cur ri co-chruinneachaidhean mòra agus a’ co-obrachadh le luchd-ealain lèirsinneach. Bha Valerie na neach-cleachdaidh ealain litreachail ann an ospadail coitcheann agus leighis-inntinn agus tha i a-nis na neach-treànaidh le Lapidus.
Tha Rebecca Marr na dealbhadair a chaidh a togail air Ghàdhealtachd ach tha a-nis a’ fuireach ann an Arcaibh. Chuir i air dòigh an t-seòmar-dorcha aice fhèin nuair a bha i fhathast san sgoil agus chaidh i air adhart gus cùrsa dealbhadaireachd a dhèanamh aig Oilthigh Napier. A bharrachd air a bhith a’ teagasg dealbhadaireachd, bho chionn ghoirid tha i air a bhith ag obair air pròiseact air dhìthein leighis à Arcaibh agus tha ùidh leantainneach aice ann am feamainn.
Airson tuilleadh fiosrachaidh air an co-obrachadh aig Valerie agus Rebecca, thoiribh sùil air an làrach-lìn aca: When the grass dances.
Còir-deilbhe: Valerie NicGillIosa