Home > Event > Feasgar bàrdachd: na dàin a b’ fheàrr leinn nar n-òige

Photo of 4 young girls in Lochmaddy, with the Bank house in the background.

Feasgar bàrdachd: na dàin a b’ fheàrr leinn nar n-òige

Tha sinn a’ tòiseachadh bliadhna ùr de fheasgairean bàrdachd mìosail le bhith a’ coimhead air ais air a’ bhàrdachd a ghlac sinn nar n-òige. 

Cò na dàin a chòrd ribh nuair a bha sibh òg? An do dh’ionnsaich sibh iad facal air an fhacal?

Thoiribh leibh a’ bhàrdachd a b’ fheàrr leibh, airson na cuimhneachain agaibh fhèin a thoirt seachad, agus airson sùil air ais a ghabhail air an fheadhainn a tha air a dhol a-mach à cuimhne oirnn.  Tha fàilte ron a h-uile duine, co-dhiù a bheil sibh fhèin ag iarraidh leughadh no nach eil.  Nach tig sibh a chur seachad feasgar geamhraidh laghach ag èisteachd ri bàrdachd?

Dealbh air clann nighean Loch nam Madadh, le cead bhon teaghlach Rothach a tha air tasglann film Super8 a thoirt air iasad do thasglann FAODAIL aig UistFilm.