Raymond MacDhòmhnaill – sacsafon
Niall MacDhaibhidh – giotàr
Clàr ùr: Tha Baracuda ga sgaoileadh tro Iorram Records, Samhain 2022
An Luchd-ciùil
Tha Raymond MacDhòmhnaill agus Niall MacDhaibhidh air a bhith a’ cluich ciùil air ùr chur ri chèile còmhla airson cha mhòr 20 bliadhna. Tha seo air an toirt a Nirribhidh, a’ Ghearmailt, Iapan agus fiù ’s an Eaglais Bhreac. Tha iad air tòrr chlàraidhean a dhèanamh còmhla agus air obrachadh le luchd-ciùil shònraichte bho air feadh an t-saoghail. A thaobh obraichean, the Raymond na phroifeisear ann an ceòl air ùr chur ri chèile, aig Oilthigh Dhùn Èideann. Bha Niall na oide air a’ chùrsa ceum ciùil aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus tha e a-nis na rannsachaiche bathar-bog agus na fhear-togail gàrraidhean cloiche. Tha teaghlach Raymond air taobh athar à Uibhist a Deas. Tha Niall a’ fuireach ann am Mìshigearraidh, Solas.
An taisbeanadh-ciùil
Tha an ceòl a bhios sinne a’ cluich a’ tighinn bho bhith ag èisteachd.
’S e an seòrsa èisteachd an seòrsa àbhaisteach bho latha gu latha. ’S dòcha gur e èisteachd ri fàilteachadh, faighinn a-mach ciamar a tha an duine eile, no ’s dòcha gur e an seòrsa èisteachd a bhios a’ dol air adhart an lùib teaghlaich; chan fheumar a h-uile sian a ràdh ach uaireannan thathas ga ràdh co-dhiù, air sàilleabh ’s gu bheil e a’ cur an cuimhne gach duine dè tha cudromach. No ’s dòcha gur e an seòrsa èisteachd a bhios sinn a’ deànamh ann an nàdur; tha fios againn sa Chèitein gun tòisich an traon ag èigheach ach chan eil fios agad uair sam bith buileach càite (agus nuair a choimheadas tu air, stadaidh e). No ’s dòcha gur e an seòrsa èisteachd a bhios a’ dol nas doimhne na sin uile agus a tha a’ deànamh aithne gu bheil rudan dìreach ann agus a’ cumail orra. Tha sinn a’ taghadh fuaimean a tha sinn a’ smaoineachadh a bhios freagarrach air an èisteachd a tha seo uile agus chì sinn càite an toir na fuaimean sin sinn.