Fèis ùr rè geamhradh 2018 – 2019: Tha sinn glè thoilichte Fèis Dùbhlachd a chur air bhonn aig Taigh Chearsabhagh, tron tèid prògram ùr a lìbhrigeadh gus a’ choimhearsnachd ionadail a thoirt còmhla aig tachartasan is gnìomhachdan a chomharraicheas cultar is àrainneachd shònraichte an eilein an àm a’ gheamhraidh.
Gu ruige seo, bha na tachartasan a leanas mar phàirt dhith;
- Bha ‘Gun-a-bhith-na-Cho-labhairt’ againn fad aon latha (To Step Across the Line – Frictionless Border Festival: https://www.taigh-chearsabhagh.org/events/to-step-across-the-line-frictionless-border-festival/ ) DiSathairne, an 6mh den Dàmhair, ann an com-pàirteachas ri The Wapping Project.
- Cèilidh-sgeulachd aig Cladach Chirceaboist – cèilidh eadar-ghinealach le còmhdhail agus biadh is deoch an-asgaidh. Dà-chànanach ann an Gàidhlig is Beurla, le beum sònraichte air a chur air cuimhneachan croitearachd.
- Tachartasan eug-samhail Às an Tobar/Uist Book Festival ann an com-pàirteachas ri Ceòlas, a thachair rè Seachdain-Leabhraichean na h-Alba.
- Cèilidh teaghlaich “Tìr nan Òg” ann an com-pàirteachas ri Ceòlas, 1mh den Dùbhlachd an Talla Chàirinis, le ceòl is dannsa aig sean is òg.
- Fèis (ùr!) nan Solas, a chaidh a lùghdachadh air sgàth na sìde, ach a thèid a chur air dòigh as ùr ann an ùine nach bi fada!
- Fèill-ealain is -cheàird na Nollaige, an 15mh den Dùbhlachd ann an Taigh Chearsabhagh.
- An cois nan tachartasan ri teachd ann an 2019, bidh Là Fhèill Brìghde air a’ chiad latha den Ghearran, Là Buidhe Bealltainn air a’ chiad latha den Chèitean, agus lainnse ùr ‘Taigh-Ciùil’, sreath de thachartasan ciùil, anns a’ Ghearran!
- Bùithtean-obrach Ath-leumachd is So-sheasmhachd nan Eilean (air a stiùireadh le Oilthigh Shrath Chluaidh) aig TC, a bha cuideachd nam pàirt de na tachartasan-toisich againn ron chiad làn-cho-labhairt bhliadhnail ann an 2019: https://www.strath.ac.uk/research/strathclydecentreenvironmentallawgovernance/news/lawartsandislandresilienceprojectsecondworkshop