Home > Event > Fosgladh Ceuman-fuaime

Fosgladh Ceuman-fuaime

Tha an Ceòladair air Mhuinntireas againn anns a’ Ghàrradh ris nach robh Dùil, Donnchadh MacLeòid, air sreath de cheuman-fuaime a chruthachadh ann an Uibhist a Tuath is ann am Beinn a’ Bhaghla. Le measgachadh de cheòl ùr, fuaimean bhon nàdar agus am facal-labhairt, tha na ceuman-fuaime seo a’ cruthachadh faireachdainn mu àite a tha a’ tarraing à àrainneachd nàdarra, eachdraidh chultarail shaidhbhir agus cleachdaidhean-àiteachais nan eilean.

Air a leasachadh ann an com-pàirteachas ris a’ choimhearsnachd ionadail, air na ceuman-fuaime seo tha stuth le daoine fa leth, buidhnean-coimhearsnachd agus seann chlàraidhean bho Sgoil Eòlais na h-Alba a tha a’ dol air ais còrr is trì fichead ’s a deich bliadhna.

Aig an tachartas seo gus a chur air bhog, bheir Donnchadh òraid bheag seachad agus treòraichidh e luchd-èisteachd mun cheum-fhuaime. Gus an ceum-fuaime fhiosrachadh, bidh aig an luchd-fhrithealaidh ris an app an-asgaidh Echoes a luchdachadh a-nuas dha na fònaichean-làimhe aca. Bidh cothrom air taghadh de dh’fhònaichean-cinn le uèir agus Bluetooth. Tha càbaill fhònaichean-cinn agus càbaill-sgoltaidh rim faotainn cuideachd dhan fheadhainn a tha ag iarraidh am fòn-làimhe aca roinneadh.  Bidh sinn a’ cruinneachadh sa phàirce-càraichean aig a’ Cholaiste, ri taobh Sgoil Lìonacleit.

Tha an tachartas seo an-asgaidh ach ’s urrainn dhuibh àite a ghlèidheadh tron t-siostam air-loidhne gu h-ìosal.  Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact Dandelion a’ Ghàrraidh ris nach robh Dùil, tadhail air duilleag a’ Ghàrraidh. Ma tha thu ag iarraidh tighinn gu tachartasan Dandelion san ùine romhainn, cuir d’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleige seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn air na meadhanan sòisealta cuideachd airson fios, no tadhal às ùr air duilleag a’ Ghàrraidh a rèir ’s mar a thèid a h-ùrachadh gu cunbhalach.