Home > Event > gach nì a tha air cuimhne agus air a dhiochuimhneachadh

Multi-coloured painting with white, gold and light blue colours and faintly written words.

gach nì a tha air cuimhne agus air a dhiochuimhneachadh

Caitir NicAonghuis agus Raymond MacDhòmhnaill

Tha Caitir NicAonghuis agus Raymond MacDhòmhnaill air a bhith a’ sgrùdadh chuspairean dìleab agus co-obrachadh san obair ealain is saidhg-eòlas aca bho chionn iomadh bliadhna.  An seo, tha dìleab; air a thoirt seachd, air a chall, air a dhiochuimhneachadh, air a chuimhneachadh, agus air ath-chuimhneachadh, a’ nochdadh bho cho-obrachaidhean facail, ìomhaighean, fuaim agus gluasad.  A’ coinneachadh aig deireadh 2022, tha an taisbeanadh seo a’ toirt sealladh air rannsachadh air an nàdar saidhg-eòlach aig dìleaban thoinnte, is aig an aon àm a’ comharrachadh an dà-sheaghachd gun mhothachadh an lùib co-chruthachadh agus co-ùghdarran.  Tha daimh teaghlaich le cultar is àite na Gàidhlig aig an dithis mar thoiseach tòiseachaidh, ach daimh a tha briste.

Tha eachdraidh tar-ghinealaich a’ lìonadh agus a’ tràghadh dhan mhothachadh, a’ toirt cumadh air an obair fhad ’s a tha e a’ dol air adhart.  Tha eòlas aig luchd-ealain bhon dà cheann den speactram phrìobhaideachd agus phoblach air stiùireadh dhàimhean tro obair ealain.  Tha Caitir, na teiripiche-inntinn ealain, ag obair le daoine eile far a bheil doimhneachd intra-saidhgeach ga neartachadh le àite prìobhaideach, ach tha Raymond, mar neach-ciùil is neach-teagaisg, ag obair ann an co-theacs phoblach.  An seo, tha iad a’ coinneachadh airson co-iomlaid, far a bheil gad thoirt fhèin seachd airson obair ùr a cho-chruthachadh, a’ leantainn le gach neach gan neartachadh aig an aon àm.

Tha gach nì a tha air cuimhne agus air a dhiochuimhneachadh ri fhaicinn an-asgaidh ann an Cafe Thaigh Chearsabhaigh, Diluain-Disathairne, 10m-4f, bho 14 Lùnastal gu 2 Sultain.  Tha an taisbeanadh a’ tighinn an cois Co-labhairt Teiripean Ealain: Air a’ Chùl Fraoin, ann an Taigh Chearsabhagh agus air-loidhne, air 1-2 Sultain. 

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.