Home > Event > Gartan is galaran air an giùlan le gartan: seisean fiosrachaidh

Poster for Lyme and Tick-borne disease information drop-in session, with NHS Western Isles logo and research funders.

Gartan is galaran air an giùlan le gartan: seisean fiosrachaidh

Tha NHS Eileanan Siar a’ cur air dòigh trì tachartasan ann an Uibhist mu dheidhinn gartain agus tinnes Lymes.  Bidh seo na chothrom faighinn a-mach mu dheidhinn an t-suidheachaidh an-dràsta agus an rannsachadh air sgaoileadh-ghalaran a ghabh Oilthighean Glaschu is Learpholl os làimh.

Bidh dà sheisean neo-fhoirmeil ann far am faod daoine tadhal a-steach, gabhail cupa tì, agus faighinn a-mach mun rannsachadh is ceistean fhaighneachd.  Bidh iad seo aig:

  • Taigh Chearsabhagh, Loch nam Madadh: Diciadain 22 Gearran 2023, 10.00m-2.00f (tadhal a-steach, neo-fhoirmeil)
  • Cnoc Soilleir, Dalabrog: Diardaoin 23 Gearran 2023, 10.00m-2.00f (tadhal a-steach, neo-fhoirmeil)

Cuideachd, bidh Coinneamh Phoblach aig Talla Bhaile a’ Mhanaich air Diciadain 22 Gearran, aig 7.00f.  Bidh riochdairean an làthair bho Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Learpholl agus NHS Eileanan Siar.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho sgioba Dìon Slàinte NHS Eileanan Siar, air postd aig: wi.healthprotection@nhs.scot