Home > Event > *Air a Chur Dheth* Gathering of Air

*Air a Chur Dheth* Gathering of Air

*Air sgàth suidheachadh ris nach robh dùil, b’ fheudar dhuinn an tachartas seo a chuir dheth.*

An lùib Gathering of Air, bidh sgrineadh sònraichte ann den bhideo Topologies of Air aig Shona Illingworth.  Tha seo a’ gabhail beachd air an iomadh dòigh san robhar a’ tuigsinn, a’ cleachdadh, agus a’ cur eòlas air an fharsaingeachd os ar cionn, rè nam bliadhnaichean. Leanaidh an sgrineadh le feasgar de bhàrdachd, sgeulachdan, còmhraidhean is òrain a tha a’ moladh agus a’ sgrùdadh eachdraidh chulturail is àrainneachdail nan speuran mar àite iongantas is mac-meanmna, àite riochdachaidh is àite obrach, agus cuideachd, dè dh’fhaodadh a bhith romhain a thaobh adhar latha is adhar oidhche san àm ri teachd.