* Air sgàth suidheachadh ris nach robh dùil, tha a’ bhùth-obrach seo air a chuir dheth.*
Bheir sinn fios dhut leis an là ùr nuair ‘s gu bheil e air aontachadh. Leisgeulan airson mì-ghoireas sam bith. Fhuair a h-uile duine a ghlèidh chosg air ais.
Tha diofar fhaclan Gàidhlig a’ dèanamh dealbh dhuinn air tòna is tuar dhathan. Bidh cothrom aig inbhich òga aig a’ bhùth-obraich seo dathan glas is gorm fheuchainn air stuth aodaich.
Rannsachaidh sinn dathan liath le bhith a’ dealbhachadh air seacaidean denim, lèintean-t agus bagaichean tote, airson an toirt dhachaigh. ’S e bùth-obrach phractaigeach a tha seo agus bidh an luchd-frithealaidh a’ feuchainn pròiseasan cyanotype le bhith a’ cur ìomhaighean is nithean ri chèile airson làraich fhàgail air diofar stuth aodaich. Chan fheumar eòlas sam bith ro làimh, bhiodh e math nan toireadh luchd-frithealaidh leotha ìomhaighean is beachdan sam bith a bu toigh leotha fheuchainn, agus fiù ’s na seann jeans liath aca!
Tha sreath de 3 bùthan-obrach eile ann an Cyanotype agus Beul-aithris Ghàidhlig ga thabhann do chloinn aois 8-14 bliadhna sa Ghearran.
Thèid taisbeanadh a chur ri chèile ann an cafaidh Thaigh Chearsabhaigh le dealbhan air toradh na h-obrach.
Bidh a’ bhùth-obrach seo a’ gabhail àite air Seachdain na Gàidhlig, seachdain a tha a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig air feadh na cruinne.