Home > Event > Harvesting Light

Photo of an image projection against a rusty metal wall, taken using the Sheep Shelter Camera.

Harvesting Light

Tha Harvesting Light na chruinneachadh obrach leantainneach le Tara Drummie, a tha na dealbhadair agus filmeadair stèidhichte ann an Uibhist a Tuath.  Tha a h-obair air a bhrosnachadh le dàimh leis an tìr, is iad an eisimeil a chèile.

Thigibh còmhla rinn airson ro-shealladh fosglaidh, aig Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 11 Samhain aig 7f. Bidh seo an-asgaidh is chan eil feum agaibh tiogaid a ghlèidheadh. Bidh fàilte romhaibh uile.

Bha Drummie air a gluasad leis a’ mhachaire thearc a tha cumanta ann an Uibhist a Tuath, far a bheil geòlas, gnàth-shìde agus cumadh-tìre, an cois milltean bhliadhnaichean de dh’àiteachas shocair dhaonna, a’ toirt a-mach eag-shiostam thorach, a bhios a’ tarraing farsaingeachd de dh’fiadh-bheatha. 

Tha na pìosan-obrach Bird Hide Camera, Horse Box Camera agus Sheep Shelter Camera a’ nochdadh co-obrachadh eadar cruinneachaidhean barrachd-na-daonna na machrach agus Drummie.  Tha gach pìos obrach stèidhichte air an àm agus a rèir na làraich, a’ cleachdadh stuthan a chaidh an lorg air an làraich sin a-mhàin airson camara obscura a chruthachadh, agus a’ toirt na pìosan às a chèile an dèidh làimh is faighinn cuidhteas stuthan chunnartach sam bith ann an dòigh iomchaigh.

’S e inneal-fhradharcaich shìmplidh a th’ ann an camara obscura, air a chur ri chèile le seòmar dhorcha, toll beag cruinn air a bheil aperture, agus solas ga dhealradh air ais, a’ tilgeil ìomhaigh de dh’àrainneachd air an taobh a-muigh a-staigh gu balla air an taobh a-staigh.

Tha sinn a’ cur eòlas air na pìosan obrach geàrr-ùine seo tro dhealbhan agus filmichean a rinn Drummie air an làraich.  Tha am film Horse Box Camera a’ clàradh a’ phròiseis air cùlaibh a bhith a’ dèanamh camara obscura air a’ mhachaire, a’ cruthachadh an t-seòmair dhorcha le bogsa-eich, sgudal mara, saidhlids ghrod, buachair chruidh agus gainmhich a chaidh a lorg air an làraich.  Chaidh toll ann am mullach botal bidhe laoigh, a chaidh a lorg faisg air làimh, a chleachdadh airson aperture, a’ tilgeil ìomhaigh air àrainneachd a’ mhachaire taobh a-staigh a’ bhogsa-eich.

Bidh mi a’ gabhail tlachd anns a’ phròiseas fèin-fhiosrachail is dlùth-eòlach is mi a’ dol an sàs anns gach àrainneachd neo-àbhaisteach, a’ dèanamh toileachais ri bhith a’ cleachdadh mo làmhan airson nan aoidion solas mu dheireadh a dhùnadh suas, le poll, gainmhich no ge brith dè a ghreimicheas, agus an uair sin a’ stad tacan gus am fàs mo shùilean gu socair eòlach air ìomhaigh a’ chruth-tìre air ùr thilgeil.

Tha Harvesting Light an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine bho 10m-4f, Diluain gu Disathairne, ann an Gailearaidh 2 aig Taigh Chearsabhagh.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

 

Còir-deilbhe: Tara Drummie, 2022.