Home > Event > Hebridean Treasure

Hebridean Treasure

Measgachadh tharraingeach de dhannsa agus sgeulachdan le ceòl beò à Alba agus Àisia a Deas, a nì beò-ghlacadh ort is sealladh às ùr ga thoirt dhuinn air gliocas àrsaidh Cheilteach.

Tha Hebridean Treasure: Lost & Found a’ tarraing ri chèile òrain, dannsa is seanchas, le ceòl beò à Alba is Àisia a Deas a’ toirt gur n-inntinn seann chruthan-tìre eileanan na h-Alba agus an ceangal domhainn a bh’ aig muinntir an àite le ruitheaman nàdur.  Leis an sgeulachd choitcheann air fògarrach, fulangas agus call ghliocas o shean, tha seo a’ gluasad tro bhron agus mulad gus teachdaireachd dhòchasach a thoirt thugainn air dòigh beatha ùr a tha a’ cur luach air an dualchas chultarail Cheilteach againn.

‘Tha Hebridean Treasure na mheòrachadh dhrùidhteach air spioraidealach Cheilteach – dannsa agus bàrdachd; òrain caoidh is gaoil; ùrnaigh agus beannachadh.’ – Pulse Connects

‘A’ lorg anam caillte na h-Alba agus a’ chinne-daonna’ – The List

‘Breàgha agus seunta’ – British Council

Tha na faclan aig John Sewel agus a’ cheòl aig an t-seinneadair is sgrìobhadair-ciùil chliùteach, Mischa Nic a’ Phearsain a’ suaineadh timcheall taisbeanadh dannsa làidir bho dhannsair Bharatanatyam, Kirsten Newell.  Tha i a’ togail an spioraid nàdarra agus toirt beatha gu na sgeulachdan, na cumhachan, òrain gaoil agus beannachadh, a’ foillseachadh an gliocas roinnte agus an ceangal a bha aig nan Innseachan agus an t-saoghal Cheitleach ris an talamh.  Tha sinne gur fiathachadh gu saoghal a bha aig aon àm caillte, ach a tha ga lorg a-rithist.

Faodaidh clann tighinn ann cuideachd, an-asgaidh.  Bidh beagan fuaim an lùib an tachartais, agus aon sgiamh chruaidh.