Home > Event > I Know Where I’m Going!

Film poster showing the leading actor and actress in black and white, looking at each other, against a blue background of contours.

I Know Where I’m Going!

Ann an I Know Where I’m Going! chì sinn bàn-Shasannach òg, rag, a’ togail oirre.  Tha i air gealladh pòsaidh a thoirt do dh’fhear beairteach, nas sine na i, agus tha i a’ falbh, cinnteach gu bheil i gus a phòsadh air an eilean iomallach aige ann an Innse Gall.  Ach le droch shìde gan cumail o chèile air diofar eileanan, a’ cur bacadh air na planaichean aice, tha bean na bainnse a’ tòiseachadh ri h-inntinn atharrachadh.

Clàraichte ann am pàirt air eilean Mhuile, le seallaidhean air dol tarsainn Coire Bhreacainn, tha gaol, uirsgeul, cultar traidiseanta agus comadaidh an lùib an sàr obair romansach seo. 

Air a stiùireadh le Mìchael Powell agus Emeric Pressburger ann an 1945, tha I Know Where I’m Going! na fhìor chlasaig.  ’S urrainn dhuibh barrachd a leughadh mun obair air cùlaibh am film, an seo: I Know Where I’m Going! screening notes

Faid: 91 mionaid. 

Tha e riatanach gun glèidh sibh tiogaidean ron àm.  Glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.  Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.

Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.