Home > Event > Into the Wild: Bàrdachd agus Sgeulachdan le Ian Stephen

Photo of Ian Stephen in front of a window with tress and buildings outside.

Into the Wild: Bàrdachd agus Sgeulachdan le Ian Stephen

Thigibh còmhla rinn airson feasgar de bhàrdachd agus sgeulachdan le Ian Stephen, mu dhàna-thursan a’ seòladh gu eileanan ionadail: Into the Wild.

Thairis air mòran bhliadhnaichean, tha Ian Stephen air a bhith a’ siubhal bho dhachaigh ann an Leòdhas, gu tric air muir.  Tha seo air a bhith na chuspair aige do dh’iomadh pìos foillseachaidh agus pròiseactan thar-ealain agus air biathadh a-steach dhan obair bàrdachd, ficsean, neo-fhicsean, dràma agus film aige.

Mar sgiobair shaor-thoileach air an Sgoth Niseach thraidiseanta, tha e air cuairtean a stiùireadh leithid tursan chun na h-Eileanan Seunta, slighean iomadh-eilean ann am bàtaichean beaga air taobh a’ Chuain Shiar de dh’Eilean Leòdhais, agus tursan le bàtaichean fhosgailte gu Sùlaisgeir, Sùla Stac, agus suas gu Stromness agus a’ Chaol Arcach gu Linne Mhoireibh.  Tha ‘Waypoints’ na mheasgachadh de logaichean turais, bàrdachd goirid agus ath-aithris sgeulachdan air an do thachair e air an t-slighe.  Tha ‘Boatlines’ na chruinn-eòlas de bhàtaichean na h-Alba agus e cuideachd a’ feuchainn ri innse cuid de na sgeulachdan aig na coimhearsnachdan a bha a’ cur taic riutha. 

Mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba 2023, a’ comharrachadh Dàna-thuras anns a h-uile seagh.  

Tha cuspair Dàna-thuras a’ ceangal le taisbeanadh Hiort Bhiortail againn, a tha a’ leigeil le inbhich is clann dàna-thuras fheuchainn, le bhith a’ tadhal air an eilean iomallach seo tro fhìorachd bhiortail.  Tha cuideachd taisbeanadh ann le dealbhan bho Mhìcheal Faint agus bàrdachd le Steve Ely, a’ sgrùdadh eilean-mara Orasaigh, far nach eil duine a’ fuireach, far costa an iar Uibhist a Deas.

Thoiribh sùil air na tachartasan an-asgaidh eile a th’ againn air Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2023: 

Diluain 13 – Diardaoin 16 Samhain, Cuir loidhne ris: Bàrdachd Dàna-thuras

Dimàirt 14 Samhain, Cafe Leabhraichean

Dihaoine 17 Samhain, Dàna-thusan beag is mòr: Bùth-obrach sgrìobhaidh le Ian Stephen

Disathairne 18 Samhain, A’ coimhead oirnn fhèin

Còir-deilbhe: Ian Stephen.

Book Week Scotland 2023 image, on a green background with an image of a boot print in black.