Home > Event > Ionnsachadh + Mothachadh Fiadhachd

Cyanotype image of three feathers.

Ionnsachadh + Mothachadh Fiadhachd

Tadhal, fairich, ionnsaich agus freagair gu cruthachail ri Teàrmann Nàdair Bhaile Raghnaill ann an Uibhist a Tuath, tron tachartas fad ceithir latha seo a tha a’ gabhail a-steach ealain lèirsinneach, dealbhadaireachd  agus nàdar.  Siubhal a’ mhachaire, talamh torrach, brèagha, le feurachd làn fhiadh-bheatha, àrainneachd nàdarra nach fhaicear ach ann an Innse Gall.

Air do chuairteachadh le boglaichean, coileagan, tràighean mhòra gainmhich agus cladach creagach, tha an t-àite seo taghta airson ceangal a thogail le cruth na tìre.  A bharrachd air cothrom ionnsachadh mu dheidhinn dòighean-obrach agus ruitheam croitearachd, tha deagh theans ann gum faic thu an traon, a thuilleadh air eòin-imrich eile, is iad air an eilean a ruighinn.

Tha an cothrom inntinneach seo air a chur ri chèile do dhuine sam bith aig a bheil ùidh san t-saoghal nàdarra againn, fiadh-bheatha, dealbhadaireachd, clò-bhualadh agus gabhail sgrìob!

Bidh fòcas ann air pròiseasan dealbhadaireachd analogach dubh is geal, agus dealbhadaireachd copair le stuth-bleithe cruaidh is bog.  Gheibh sibh tlachd agus brosnachadh bho ghnìomhan feumail air an stiùireadh le eòlaichean-cleachdaidh, agus buidhnean deasbaid is òraidean a’ cur ris a seo, is gach gnothach a’ tabhann misneachadh, tuigse chruthachail agus taic theicnigeach.

Bhiodh eòlas a choreigin air obair clò-bhualaidh no dealbhadaireachd analogach feumail ach idir riatanach.

Aois 16+

Tha sinn a’ tabhann tiogaid shònraichte aig prìs nas ìosaile do choimhearsnachd chruthachail Uibhist is Bharraigh, gus taic a thoirt dhaibhsan a tha a’ fuireach agus a’ cruthachadh faisg air làimh.  Ma tha thu a’ fuireach air eilean eadar Beàrnaraigh is Bhatarsaigh, gheibh sibh lasachadh prìse 25% air a’ phrìs àbhaisteach le bhith a’ taghadh roghainn Uibhist + Barraigh.

Bidh tuilleadh fiosrachaidh, is ainmean luchd-labhairt is eòlaichean-cleachdaidh ga thoirt seachad tràth ann an 2023.

Booking

Ticket Price Quantity
Làn phrìs: Ionnsachadh + Mothachadh Fiadhachd, Baile Raghnaill, 20-23 Giblean £300.00 Sold out
Uibhist + Barraigh (le lasachadh): Ionnsachadh + Mothachadh Fiadhachd, Baile Raghnaill, 20-23 Giblean £225.00 Sold out
Please review our Privacy Policy for details of how we store and use your data.