Home > Event > Iteag sa Chuan

Seabird form in dark clay and close up drawing of a seabird's beak, on a light grey background.

Iteag sa Chuan

tachairt ri eòin-mhara

Taisbeanadh obair ùr bho Kirsty O’Connor agus Cally Yeatman – le pìos-ciùil ùr le Loriana Pauli. 

Thigibh còmhla rinn air Dihaoine 30 Ògmhios aig 7f, airson fosgladh an taisbeanaidh a chomharrachadh, le cothrom coinneachadh ris an luchd-ealain. Bidh Taisbeanadh Bliadhnail an t-Samhraidh aig UAA a’ fosgladh aig an aon tachartas.  Bidh fàilte romhaibh uile.  

bhon a tha sinn air bhog air muir neo-aithnichte tha mi a’ smaoineachadh gum bu chòir dhuinn rudan eile air bhog a thig ar taobh a sgrùdadh gu faiceallach; cò aig tha brath dè dh’fhaodadh crochadh air. *

Ghlac cruth agus sgeulachdan eòin-mhara mac-meanmna an dithis againn.  Nas sine na sinn, tha iad nas fhaide ceangailte ris a’ mhuir agus na h-àiteachan ris am bi iad a’ tilleadh, air na pàtrain imrich aca airson briodachadh, thairis air 10,000 bliadhna.  Tha sinn a’ tachairt riutha far a bheil iad nan tàmh – nuair a bhios iad ag èirigh bhon rioghachd mhara aca airson suathadh unnain nar saoghal talmhainn.  A bharrachd air sin, tha iad a’ còmhnaidh ann an fharsaingeachd àibheiseach na mara, an saoghal eile seo, cho coimheach ris a’ ghealaich, anns a bheil sinne beò an cois no air uachdar.

Chan eil ach 350 seòrsa, a-mach à mu 11,000 seòrsa eun, air gabhail gu muir.  Ged a tha iad uile cho diofaraichte, tha dòigh-beatha shònraichte gan ceangal… slaodach gus tighinn gu aois… tric ag àraich aon isean…  Chan e spreadhadh de mheudachadh is lùghdachadh a th’ aca, ach tha iad nan luchd-tasgaidh daingeann, ùine fhada. **

Tha iad a’ nochdadh nuair a bhios làithean an t-samhraidh a’ fàs fada air an abhainn aca fhèin san adhar, gun bhìosa, dìreach le eòlas nàdarrach air an t-saoghal aca.  Bidh iad a’ tighinn chun iomaill, dha na coilionidhean fuaimneach, thrang aca, agus le bhith a’ tachairt riutha seo, tha am beathalachd gun chrìoch seo gad ghabhail thairis; aca tha an àireamh-sluaigh de dh’eòin-mhara air feadh an t-saoghail air tuiteam dà thrian sna 60 bliadhna mu dheireadh agus tha na duilgheadasan a’ sìor fhàs.  Tha an treas cuid de dh’eòin-mhara fo chunnart a dhol à bith.

Cally Yeatman

Thagh mi obrachadh le grunnan de na h-eòin-mhara ris an do thachair mi nan cruthan beò sgairteil, le bhith a’ dèanamh dhealbhan de na claiginn aca is mi gan sgrùdadh lem shùil, a’ tòiseachadh leis an fheadhainn a lorg mi air oir a’ chladaich.  Tha na dealbhan aig tomhas 5 tursan nas motha na am meud, bhon a bha mi ag iarraidh dòigh a lorg air an neach-amhairc a thoirt a-steach dhan t-saoghal acasan, airson dàimh a thogail leotha agus smaoineachadh cò ris a bhiodh e coltach a bhith beò ann an saoghal iongantach, toinnte a’ chuain.

Kirsty O’Connor

Air mo bhrosnachadh bho thùs le obair-ealain na bu tràithe le Cally, tha mi air a bhith a’ rannsachadh chumaidhean eòin-mhara air tìr, gu h-àraid eun-dubh an sgadain agus sùlairean, ann an cruth soithichean creadh air an dèanamh le làimh, air am bruich ann an ceò min-sàibh agus feamainn.  Tha cumadh na bodhaig a’ togail m’ ùidh, an gob tòireadaireachd mar sgian agus am frith-bharail air feuchainn ri aotromas is luaths a shealltainn, ann an ùir throm chreadh.  San obair seo, tha miann orm urram a thoirt do na creutairean den adhar is den chuan seo.

*Elisabeth Bishop bho litir gu Robert Lowell

**Adam Nicolson bho ‘The Seabird’s Cry’