Innis dhomh, a Bhrutuis chòir, am faic thu t’ aodann?
Tha an t-eagal air Brutus is Cassius gun cuir Caesar e fhèin air a’ chathair mar rìgh. Ach nuair a chuireas iad às do Chaesar, tha iad a’ sgaoileadh chumhachdan a tha a’ bagairt air an saoghal aca a reubadh far a chèile.
Dè bhios a’ tachairt nuair a chuireas sinn earbsa sna daoine cearra ? Nuair a chuireas sinn feall agus fìorachd thar a chèile? Dè bhios a’ tachairt nuair nach urrainn dhuinn sinn fhèin fhaicinn?
Tha còignear chleasaichean gar bogadh ann an dealbh-cluiche Shakespeare, a’ cruthachadh saoghal agus èiginn mu choinneamh, a’ cur thairis le daoine is poilitigs: turas cugallach bho shràidean na Ròimhe gu ceuman a’ Chapitol, bho chagarsaich san oidhche gu cogadh dearg.
Leis a’ chorparrachd as nòs leotha, tha na Madaidhean-allaidh a’ cur anail às ùr ann an annas-làimhe Shakespeare, a’ nochdadh cho faisg air a chèile is a tha earbsa is foill, feall is fìorachd, sìobhaltachd agus riaghailt na gràisge.
—
Bidh na dealbhan-cluiche a’ tòiseachadh aig 7.30f gach oidhche.
Tha tiogaidean £10, no £8 airson lasachaidhean. Bidh corra thiogaidean ‘Restricted View’ rim faighinn air an doras gach oidhche aig £5 an urra. Thoir an aire gur e suidheachain ùrlair a bhios annta le cuiseanan.
Fios: Chan eil ach aon tiogaid suidhe air fhàgail airson cuirm Dihaoine. Tha beagan ri fhaighinn fhathast air Disathairne.
Faodaidh tu do thiogaidean a ghlèidheadh gu h-ìosal le bhith a’ taghadh an ceann-latha a tha thu airson a bhith an làthair air a’ mhìosachan, agus an uairsin cuir ris an àireamh iomchaidh de thiogaidean bhon chlàr air an làimh dheis. Bi faiceallach nuair a chuireas tu a-steach an àireamh de thiogaidean a dh’fheumas tu, agus nuair a chuireas tu a-steach am fiosrachadh conaltraidh agad.
Air a Stiùireadh le Ewan Downie, le Stiùiriche Dàimheach Brian Ferguson. Tha an riochdachadh seo air a thoirt gu Talla Cairinis le Taigh Chearsabhagh agus Ceòlas ag obair ann an com-pàirteachas.