Home > Event > Ken Currie – Ciaradh | Nocturn

Ken Currie – Ciaradh | Nocturn

On a fhuair e cliù an toiseach mar fhear de na peantairean figearach as adhartaiche a cheumnaich à Sgoil Ealain Ghlaschu ann am meadhan nan 80an, tha Currie a’ dèiligeadh gun stad ri ceistean sòiseo-eaconomaigeach a bhruidhneas rinn uile tro mheadhan peanta, guail-fhiodha, is intaglio. Le bhith a’ toirt urram do na sàr-pheantairean figearach a thàinig roimhe (Rembrandt is John Bellany nam measg), tha ar daonnachd air a sgrùdadh is air a rùsgadh gu dalma is gu h-ìomhaigheach don neach-amhairc.

Thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh bhiodh Currie a’ tighinn a thadhal air eileanan Uibhist agus bhrosnaich iad sin e, len cuid chruthan-tìre, chleachdaidhean is thradaiseanan, gus obair ùr a chruthachadh a tha a’ nochdadh ciaroscuro àraid na h-àirde tuath.