Thigibh còmhla ris a’ bhàrd Steve Ely, ùghdar Orasaigh, airson cuairt spòrsail agus cruthachail timcheall cruth-tìre an eilein-mhara àlainn a bhrosnaich a’ bhàrdachd aige. Bidh a’ chlann (agus tha fàilte air pàrantan cuideachd!) a’ sgrùdadh a’ chruth-tìre, a’ lorg na tha an t-eilean a’ falach, agus a’ toirt freagairt chruthachail air na rudan a nochdas orra. Bidh Steve cuideachd a’ toirt seachd an lèirsinn air cùlaibh sgrìobhadh a’ bhàrdachd – mar a bhrosnaich an cruth-tìre e, agus an dòigh anns an do sgrìobh e e. Bidh Steve a’ toirt seachad bheachdan agus stiùireadh a leigeas le compàirtichean a bhith a’ cruthachadh freagairt ri cruthan-tìre eile agus àiteachan a tha cudromach dhaibh fhèin.
Fiosrachadh a bharrachd:
- Tha a’ bhùth-obrach fosgailte do theaghlaichean agus clann aig gach aois.
- Coinnichidh sinn aig Cnoc Soilleir airson stiùireadh ghoirid agus faighinn deiseil mus gabh sinn cuairt ghoirid gu Orasaigh far am bi a’ bhùth-obrach a’ gabhail àite, fhad ’s a tha sinn a’ gabhail ceum coiseachd ghoirid, shocair, ann an cruth tìre Orasaigh.
- Ma bhios droch shìde ann, bidh a’ bhùth-obrach a’ gabhail àite aig Cnoc Soilleir.
- Thoiribh leibh leabhar-sgrìobhaidh agus peann, agus brògan is aodach freagarrach air a’ mhachaire agus an tràigh!
Tha a’ bhùth-obrach seo ga thabhann ann an co-bhann ri taisbeanadh Orasaigh aig Cnoc Soilleir. Tha bùthan-obrach eile fosgailte airson àite a ghlèidheadh cuideachd:
- Sgrìobhadh Cruth na Tìre Apocailipteach, le Steve Ely – Disathairne 12 Lùnastal, 1-4f.
- Toiseach tòiseachaidh ann an Dealbhadaireach Didseatach, le Mìcheal Faint – Là na Sàbaid 13 Lùnastal, 2-4f.
Tha na bùthan-obrach an-asgaidh, ach chan eil mòran àiteachan ann is mar sin bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh ro làimhe.
Tha Steve Ely na bhàrd is sgrìobhadair, a tha air iomadh duais a chosnadh, is e stèidhichte ann an siorrachd York. Tha e air grunn leabhraichean bàrdachd fhoillseachadh, nan lùib tha The European Eel (2021), Lectio Violant (2021) agus Englaland (2015), nobhail Ratmen (2012) agus cunntas beatha air leasachadh bàrdachd a’ bhàird Shasannaich Ted Hughes – Ted Hughes’s South Yorkshire (2015). Bidh e a’ teagasg sgrìobhadh cruthachail aig Oilthigh Huddersfield, far a bheil e cuideachd na Stiùiriche air an Ted Hughes Network. Bha e na thidsear àrd-sgoile fad fichead bliadhna agus tha e eòlach air a bhith a’ teagasg ann an suidheachaidhean coimhearsnachd. Bidh Steve tric a’ tadhal ann an Uibhist a Deas, agus bidh a’ bhàrdachd fad-leabhair aige, Orasaigh, a tha na phìos-obrach ann an co-bhann ri dealbhadair Mìcheal Faint, stèidhichte ann an Uibhist, ga fhoillseachadh le Broken Sleep Records san Lùnastal 2024.