Taisbeanadh de dhealbhadaireachd Lumen le Margaret Barker.
Tha iomadh ainm ionadail air dualchas chultarail, anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan ’s e dualchas a th’ air – ceangal eadar dhaoine agus àite thairis air ùine.
Tha dealbhadaireachd Lumen a’ toirt cothruim dhomh an ceangal beairteach seo a shealltainn. Tha solas nan Eilean a’ tòiseachadh an iom-obrachadh cheimigeach eadar a’ phàipear, flòra dùthchasach agus dealbhan air muinntir an àite an sàs ann an sgilean thraidiseanta. Tha e an-còmhnaidh na adhbhar gàirdeachais a bhith a’ faicinn na toraidhean a’ nochdadh ann an dòighean nach eil dùil ris, a’ ceangal dhaoine agus àite ann am breislich de dhathan machrach. Cheart cho luath sa bhios iad a’ nochdadh, bidh ùine a’ mùgach nan dealbhan seo gu dathan donn sepia a’ toirt gu cuimhne mòinteach gheamhraidh.
Anns an aon dòigh ’s a bhios sinn a’ faighinn faothachadh bhon sepia seo a bhith an làthair cuide rinn, bho ar n-eachdraidh thraidiseanta agus sinnsearachd, tha sinn a’ gabhail pàirt anns an Lumen ùr, làn dhathan, againn fhèin, a’ dearrsadh eileamaidean den chultar againn dhan àm ri teachd. Ge brith càite a bheil sinn a’ fuireach, tha tachairt ri cultar dualchasach a’ cur an cèill dè th’ anns a’ chinne-daonna.
*Chan eil cultar dualchasach a’ ciallachadh charraighean-cuimhne agus cruinneachaidhean stuthan a-mhàin. Tha e cuideachd a’ ciallachadh thraidiseanan no gnothaichean air an togail bho ar sinnsearachd agus air an toirt seachad don t-sliochd às ar dèidh. Tha e cuideachd a’ ciallachadh thraidiseanan no sgilean airson ciùird dhualchasach.