Lote (neo-aisigeach, àrsaidh) Liùg; cùm am falach
Tha Lote air tighinn ri chèile an dèidh ùine a chur seachad a’ sgrùdadh chuspairean dachaigh agus buntainn, tro dhrùidhteachd nam fionn-sgeoil Ghreugach. Tha Lote a’ samhlachadh dè th’ ann an dachaigh, no dè dh’fhaodadh a bhith ann, a thuilleadh air cuir aghaidh ri sealbh a ghabhail às ùr air a’ bhodhaig mar dachaigh. Anns an obair seo, tha Holly Moffat-Hardy a’ cleachdadh a fèin-eòlais airson aithne a thoirt do mhòr-chiùrradh glèidhte sa bhodhaig, agus mar a dh’fhaodar còir a ghabhail air an àite seo tro amharc, eas-chruthachd agus cruthachadh fèin fionn-sgeulach agus diadhaidh.
Tha i a’ cur faireachdain aimhreit/comhfhurtachd, neo-chneastachd/beathachadh, agus daorsa/fèin-ùghdarras an cèill ann an cruth iùl fèin-fhiosrachail, dhaibhsan a tha a roghainneachadh ceum a ghabhail tarsainn an starsaich.
Tha Holly Moffat-Hardy na neach-ealain lèirsinneachd. Tha a h-obair air a fhreumachadh gu domhainn air fèin/bodhaig mar dhachaigh, a’ cleachdadh a fèin-eòlais agus fionn-sgeoil àrsaidh airson beachdachadh air cruthachadh fèin fionn-sgeulach/diadhaidh, tro dhealbhadaireachd, obair-shnaidhidh, fighe agus bàrdachd.
Thigibh còmhla rinn airson ro-shealladh fosglaidh aig 6f air Disathairne 10 Sultain. Bheir Holly seachad taisbeanadh beò sa Ghailearaidh, aig 6.30f.
Nuair a thig LOTE gu crìoch, bheir Holly seachad an taisbeanadh beò a-rithist, aig 2f air Disathairne 1 Dàmhair. An dèidh sin bidh Holly a’ còmhradh mun rannsachadh agus dòighean-obrach a chruthaich LOTE.
Tha LOTE an-asgaidh agus fosgailte Diluain – Disathairne, 10m – 4f, ann an Gailearaidh 2 aig Taigh Chearsabhagh.