Home > Event > Lusan ceòlmhor le Donnchadh MacLeòid

Lusan ceòlmhor le Donnchadh MacLeòid

Tha sinn a’ toirt fiathachadh dhuibh coinneachadh ri dithis a tha air a bhith a’ cur taic shònraichte ri pròiseact Beàrnan-Brìde aig Taigh Chearsabhagh.

Coinnich ri Donnchadh MacLeòid, ar ceòladair air mhuinntireas, airson barrachd a chluinntinn mu na planaichean aige airson cuairtean fuaim ann an Uibhist.  An lùib na bhios san òraid aige, bruidhinnidh Donnchadh air na dòighean-obrach cruthachail aige airson na cuairtean a chur air dòigh, a bhios a’ gabhail a-steach aithris agus clàraidhean fuaim bhon àrainneachd, agus ceòl air a dhèanamh le lusan is glasraich!

Bheir Màiri NicPhaidein, Eitn-eòlaiche Cruthachail, an uair sin seachad òraid – Beàrnan-Brìde: Cultar Buain 

Tha pròiseact Beàrnan-Brìde co-cheangailte ri cladhach, ach an seo tha sinn a’ toirt cuireadh dhuibh cladhadh diofaraichte a dhèanamh – cladhadh a-steach dhan eachdraidh chultarail againn!  Tha Màiri NicPhaidein na Eitn-eòlaiche Cruthachail air mhuinntireas airson Beàrnan-Brìde.  Anns an òraid seo, bruidhinnidh i air cuid den na cleachdaidhean cultarail, beul-aithris agus ciùird an cois bliadhna fàs is buain ann an Alba.  Beachdachaidh i cuideachd air an luach agus brìgh eag-eòlasach aig tasglainn leithid Tobar an Dualchais – Kist O Riches an lùib staing na gnàth-shìde againn. 

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an t-sìde a’ blàthachadh, agus ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile leis na Beàrnain-Bhrìde san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.