Home > Event > Making Her Mark le Mairéad McClean / The Wapping Project

Making Her Mark le Mairéad McClean / The Wapping Project

Making Her Mark le Mairéad McClean, 2018, dealbh. © Thomas Zanon-Larcher
Making Her Mark le Mairéad McClean, 2018, dealbh. © Thomas Zanon-Larcher

Film agus taisbeanadh fuaim ùr air a stèidheachadh le The Wapping Project is iad a’ cluich le ceistean a thaobh cruthachadh chrìochan. Dè th’ ann an crìochan? Ciamar a thathar gan cruthachadh? Dè a’ bhuaidh an lùib an cruthachaidh? Cò bhios a’ tarraing chrìochan? Dè thathar a’ meòrachadh air nuair a thathar gan tarraing?

Ann am Making Her Mark, tha boireannach, air a cluich leis an dannsair Albannach, Tess Letham, airson loidhne-crìch a sgrìobhadh air an tìr. Tha am pìos lùbte a’ toirt aire don amaideas agus dìomhanas an lùib na strì airson crìochan air mapa a shealltainn air an talamh fhad ‘s a tha am boireannach a’ feuchainn ris an t-saothair seo a dhèanamh le peansail a tha cianail mòr. Tha McClean a’ fosgladh àite deasbaid far an urrainnear a’ cheist a chur, cò ris a tha e coltach a bhith a’ cruthachadh loidhne a chuireas stad no bacadh air gluasad, cò ris a tha e coltach a bhith a’ dol tarsainn, a dhol troimhpe, a bhith glaiste air a sgàth no a bhith a’ dol mun cuairt agus mun cuairt.

Tha am film To Be Retained a’ deasbad cùiltearachd (no smugladh) – cho luath ‘s a thèid crìoch a tharraing air mapa thèid cothroman airson gluasadan mì-laghail de bhathair is de dhaoine fhosgladh. Tha am film seo a tha èibhinn, dathach is geàrrte gu grad a’ tòiseachadh le General Register of Seizure 1867—1934 aig Oifis nan Clàraidhean Poblach ann an Èirinn a Tuath anns a bheil liosta bathair a chaidh glacadh aig a’ chrìch, suidheachadh gach tachartais agus am peanasachadh. An cois a’ chlàir, tha 8 Bà, 10 Sgàilean-uisge, 4 Paidhir Stocainnean agus 2 bhogsa dhìtheanan a gheibheadh bàs aig Taigh na Cusbainn is a bha an uair sin gun luach agus mar sin cha robh cìs ion-mhalairt ri pàigheadh orra. Tha am film a’ taisbeanadh na h-oifigealachd gòraich an lùib dìon chrìochan agus cruinneachadh chìsean ion-mhalairt.

Thèid Making Her Mark a shealltainn airson a’ chiad uair aig Taigh Chearsabhagh – Taigh-tasgaidh agus Ionad-ealain – ann an Uibhist a Tuath far an deach a chlàradh. Bidh an leabhar To Step Across the Line anns a bheil sgrìobhadh ùr le Kapka Kassabova, Tara Bergin agus Lea Anderson ga thaisbeanadh cuide ris an fhilm.