Home > Event > Much Ado About Dying

Film poster with a photo of an elderly smiling man, surrounded by bath bubbles, and film credits.

Much Ado About Dying

Tha UistFilm a’ taisbeanadh FILM DIHAOINE – air ais ann an Talla Chàirinis!

’S e comadaidh ùr bho Simon Chambers a th’ ann am ‘Much Ado About Dying’, air ùr fhoillseachadh sa Chèitean 2024 agus e air iomadh duais fhaighinn gu h-eadar-nàiseanta. Pàigh na thogras sibh airson tiogaid. Bidh deochan is còmhradh ann an dèidh làimh cuideachd.

Tha Simon a’ clàradh film anns na h-Innseachan nuair a tha uncail David a’ fònadh thuige le droch theachdaireachd: “Tha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gu bheil mi a’ bàsachadh.”  Ach an rud nach eil fhios aig an luchd-amhairc, ’s e gur e cleasaiche a bh’ ann an David, beò an lùib dràma agus gràdhmhor do Shakespeare, agus e riamh air a bhith air a bhiathadh le aire dhaoine agus bualadh bhas. Tha beatha Simon air a chur bun os cionn agus a h-uile rud a b’ urrainn dhol ceàrr a’ dol ceàrr, is e a’ feuchainn ri uncail a chuideachadh gus deagh bhàs fhaighinn.

Cha ghabh spioraid David a mhùchadh.  Tha e a’ sabaid le Simon, a’ diùltadh a dhol dhan dachaigh-cùram, a’ cumail a-mach gu bheil e ag iarraidh bàsachadh ann am bùrach taighe, ropach is gun teas. Tha beatha David a’ samhlachadh “King Lear”, an dealbh-chluich mu bhodach a’ dol craicte agus a’ toirt seachad an rìoghachd aige, is David a’ toirt seachad mìltean de notaichean don “neach-curaim” òg bhreàgha a bhios a’ tadhal bho àm gu àm.  A dh’aineoin an taigh a’ dol na theine, a bhith gun dachaigh ùine, aillse, agus maoidheadh ‘an dachaigh-cùraim’, tha iad a’ cruthachadh taisbeanadh a tha airidh air duais, airson David a chur air a slighe. 

“soillearachadh gàirdeachail.. co-fhaireachdainn searbh-mhilis.. anns an fhilm phianail èibhinn-duilich seo” Variety

“An seòrsa film-aithriseach as fheàrr.  Bheir e ort caoineadh agus gàireachdaich.  Bheir e cuideachd ort stad is smaoineachadh.” BackSeat Mafia

Glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.  Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.

Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.