Home > Event > Na Mara

Photo of the sea.

Na Mara

Prògram measgaichte de dh’ìomhaighean-gluasadach aig luchd-ealain, air cuspair na mara, air a chruinneachadh le Joshua Bonnetta agus Andy Mackinnon.

Thigibh còmhla rinn airson ro-shealladh fosglaidh, aig Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 4 Samhain aig 7f.  Bidh seo an-asgaidh is chan eil feum agaibh tiogaid a ghlèidheadh.  Bidh fàilte romhaibh uile.

Tha Na Mara an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine bho 10m-4f, Diluain gu Disathairne, ann an Gailearaidh 1 aig Taigh Chearsabhagh.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

 

Còir-deilbh: Andy Mackinnon, 2022.