Home > Event > Nach Buidhe Dhuibh: Bùth-obrach peantaidh

Two paintings show a tidal rock pool in earthy shades, and a group having a picnic in vibrant bright colours

Nach Buidhe Dhuibh: Bùth-obrach peantaidh

Thigibh còmhla rinn airson bùth-obrach peantaidh neo-fhoirmeil air a bhrosnachadh leis na dealbhan aig Yasmin Davidson agus Dòmhnall MacLeòid.

Bidh an neach-ealain Anne MacKenzie a’ cumail seisean sìtheil a’ sgrùdadh dath agus obair-bhruis às deidh tadhal gailearaidh gus na dà taisbeanaidhean againn fhaicinn, Dùthchas: Tro lèirsinn a’ pheantair agus Donald McLeod Retrospective: The Receding Tide. Tha fàilte oirbh dealbhan a thoirt leat a dh’obair, ‘s dòcha sealladh-tìre air a bheil thu eòlach no cèilidh sònraichte.

Thèid a’ bhùth-obrach a chumail sa Ghàidhlig sa mhòr-chuid, airson cothrom cànan a’ cleachadh is seanfhaclan a’ sgaoileadh air feasgar càirdeil agus cruthachail. Bhiodh sinn a’ brosnachadh duine sam bith aig a bheil Gàidhlig tighinn airson a’ chòmhraidh agus barrachd ionnsachadh mu dheidhinn peantadh. Bidh fàilte bhlàth air blas na Gàidhlig! Tha a’ bhùth-obrach seo air a cumail mar phàirt de Seachdain Na Gàidhlig.

Chan eil ach deich àiteachan ri fhaighinn agus mar sin feuch an glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh. Ma pàigheadhas sibh airson tiogaid nuair as urrainn dhut, bidh sibh taic a thoirt do Thaigh Chearsabhagh gus barrachd den phrògram againn a chumail saor agus ruigsinneach.

Booking

Bookings are no longer available for this event.