Home > Event > Neach-trèanaidh Film is Ealain Lèirsinneach Gàidhlig

Moylley yn Burroo - Keith McIntyre agus UistFilm

Neach-trèanaidh Film is Ealain Lèirsinneach Gàidhlig

Neach-trèanaidh Film is Ealain Lèirsinneach Gàidhlig

Urras Thaigh Chearsabhagh

Ceann-latha: 10 An Cèitean 2018 aig 12:00

Bidh an neach-trèanaidh ag obair cuide ris a’ Mhanaidsear Ealain againn, a tha na stiùiriche cruthachail aig UistFilm, airson grunn phròiseactan film a leasachadh ann an 2018.

Tha an cothrom seo ga mhaoineachadh le Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig tro Bhliadhna na h-Òigridh agus e ag amas air tagraichean aois 17-24 bliadhna.

Tha Ionad Ealain is Taigh-tasgaidh Thaigh Chearsabhagh ag iarraidh Neach-trèanaidh Film is Ealain Lèirsinneach Gàidhlig fhastadh. Bidh an obair seo stèidhichte aig an Ionad Ealain is Dualchais againn ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath.
Tha sinn a’ sireadh cuideigin aig a bheil –
• Spionnadh
• Dealas
• Sgilean Gàidhlig
• Ùidh ann am film is telebhisean
• Ùidh anns a’ Ghàidhlig is cultar nan Gàidheal
• Deòin airson ionnsachaidh

Prìomh sgilean a thathar a’ sireadh;
• Neach-labhairt Gàidhlig agus sgilean sgrìobhaidh sa Ghàidhlig
• Mion-eòlach air an t-saoghal dhidseatach – sgilean math coimpiutaireachd
• Ùidh ann am film na buannachd
• Eòlas air sgilean camara is fuaim na bhuannachd

  • Ùidh anns na h-ealainean
    • Ùidh ann an cultar is dualchas nan Eilean
    • Sgilean conaltraidh mathGheibhear cothroman ionnsachaidh sna sgilean a leanas;
    • Obair camara
    • Clàradh fuaim
    • Deasachadh
    • Sruth-obrach didseatach, stiùireadh dàta, tasgadh didseatach
    • Sgrìobhadh thagraidhean is choimiseanan
    • Sgilean gleidhidh is obair an lùib nan taisbeanaidhean

    Bidh sinn a’ stiùireadh is a’ trèanadh mar as iomchaidh, gu h-àraid a thaobh –
    • Misneachd a neartachadh
    • Sgilean conaltraidh
    • Sgilean taisbeanaidh
    • Sgilean planaidh

    Tha 35 uairean-obrach san t-seachdain agus tuarastal de £15,500 sa bhliadhna an lùib na dreuchd seo. Bidh i stèidhichte air cùmhnant 1 bhliadhna an toiseach. Feumar beagan obair air an oidhche is aig an deireadh-sheachdain a dhèanamh mar a thèid iarraidh.

    Cothroman gu leòr coinneachadh ri agus obair cuide ri luchd-ealain, luchd-ciùil, luchd-film is eòlaichean dualchais.

Tha an cothrom seo ga mhaoineachadh le Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig tro Bhliadhna na h-Òigridh agus e ag amas air tagraichean aois 17-24 bliadhna.

Àite: Na h-Eileanan Siar

Cuir cunntas-beatha is litir a tha a’ mìneachadh dè an ùidh a th’ agad san obair is dè cho freagarrach ’s a tha thu air a son gu andy@taigh-chearsabhagh.org