Tha an tachartas seo a’ tabhann cothrom bogadh ann am bùth-obrach fad dà latha, gus còmhradh a thogail eadar coimhearsnachd na h-ealain agus obair-chiùird, agus luchd arc-eòlais. Tha sinn ag amas air rannsachadh mar a ghabhas stuthan arc-eòlach an cleachdadh airson brosnachadh obair ealain, agus mar a ghabhas toraidhean arc-eòlach an cleachdadh airson taic a thoirt do ghnìomhachasan ealain ionadail.
An lùib a’ phrògram bidh òraidichean bhon choimhearsnachd luchd-ciùird a tha mar tha a’ cleachdadh arc-eòlais san obair aca, agus òraidichean bhon choimhearsnachd arc-eòlais a bhios a’ togail barrachd mothachadh do dhualchas bheairteach nan eilean. Bidh seiseanan gan tabhann air freagairtean ealanta gu arc-eòlas, agus cothroman sgilean practaigeach a chur gu feum agus feuchainn obair air cabair cuide ri arc-eòlaichean sàr-eòlach.
Bidh seiseanan eile a’ coimhead air na dòighean anns an urrainn dhuinn mìneachadh na tha aig arc-eòlaichean ri thabhann do choimhearsnachd nan ealan, gu h-àraidh fiosrachadh air stuthan agus eachdraidh obair-chiùird sna h-eileanan a ghabhadh cuir gu feum airson gnìomhachasan ealain – mar eisimpleir ann an stuthan margaidheachd.
Cha bhi an Cafaidh fosgailte air Là na Sabaid is mar sin bu chòir dhuibh grèim bidhe a thoirt leibh.
Chan eil mòran àiteachan ann airson an tachartas seo. Ma ghlèidheas sibh àite agus nach urrainn dhuibh an uair sin tighinn ann air adhbhar sam bith, bhiomaid nur comain nan cuireadh sibh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org cho luath ’s as urrainn dhuibh, gus an urrainn dhuinn a thabhann do chuideigin eile.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Guerilla Archaeology, thoiribh sùil air an làrach-lìn aca an seo, no air an còrr den phrògram thachartasan aca ann an Uibhist san t-Sultain.