Home > Event > Oidhche Bàrdachd le Mandy Haggith

A stylised cover that has a variety of shades of pink in the background. The middle ground features a photograph of Mandy Haggith on the right side of the cover. The foreground features a little man with dark brown hair and moustache, he is wearing a light blue jumper and striped orange trousers. He is holding a white sign promoting Book Week Scotland 2021. Behind him is some more pink promotional graphics with three cartoon characters celebrating this event.

Oidhche Bàrdachd le Mandy Haggith

Mar phàirt de phrògramadh Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2021, bidh am bàrd àrainneachd Mandy Haggith a’ leughadh beò aig Taigh Chearsabhagh gus COP26 a chomharrachadh feasgar Disathairne aig 7.30f. Thèid an dàn coitcheann ‘cuir loidhne’ mar a chaidh a chruthachadh le luchd-tadhail gu Taigh Chearsabhagh a leughadh a-mach le Mandy cuideachd.

Tha an seòladair dealasach, Mandy Haggith, a’ fuireach ann an Assain, agus a’ teagasg litreachas agus sgrìobhadh cruathchail aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha ceither cruinneachaidhean bàrdachd foillsichte aice, cruinneachadh de dàin craoibhe, leabhar neo-fhicsean agus còig nobhailean le trilogy eachdraidheil anns an Linn an Iarainn, The Stone Stories, na measg.

Bidh seo na thachartas beò le astar sòisealta anns an taigh-bidhe aig Taigh Chearsabhagh le tachartas Zoom co-shìnte dha daoine a b’ fheàrr leotha a bhith an làthair air-loidhne. Feuch an glèidh thu tiogaid ro thoiseach an tachartais gus ar cuideachadh le crìochan comas agus astar sòisealta neo gus am faigh thu cuireadh Zoom airson an fheasgair.

Is e ‘Comharrachadh‘ an cuspair a chaidh a shuidheachadh airson Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2021. Aig Taigh Chearsabhagh, tha sinn a’ comharrachadh bàrdachd Gàidhlig agus Beurla. Ann an nota gu COP26, bidh sinn a’ roinn dàin a bhios a’ comharrachadh no a’ nochdadh dragh mun àrainneachd againn.