Thig còmhla ris a’ bhàrd agus an sgeulaiche Margot Henderson airson Earth Walk, feasgar bàrdachd a’ comharrachadh mar a tha Imbolg a’ tighinn faisg, am meadhan slighe eadar grian-stad a’ gheamhraidh agus co-fhad-thràth an earraich. Tha Imbolg, neo Là-Fhéill Brìde, a’ gealltainn beatha ùr agus torachas agus tha e air a bhith air a chomharrachadh ann an diofar dhòighean le daoine bhon Linn Nuadh-chreagach.
Bidh seo na thachartas beò le astar sòisealta anns an taigh-bidhe aig Taigh Chearsabhagh le tachartas Zoom co-shìnte dha daoine a b’ fheàrr leotha a bhith an làthair air-loidhne.
Ma bhios sibh còmhla rinn gu pearsanta, bidh an togalach fosgailte bho 7f gus am faigh a h-uile duine suidhe agus comhfhurtail mus tèid sinn beò.
Feuch an glèidh sibh tiogaid ro 7f ma tha sibh airson cuireadh Zoom fhaighinn. Thèid an ceangal an uairsin a chuir a-mach air post-d ro thoiseach an tachartais, airson toiseachadh aig 7.30f. Feuch an dèan thu cinnteach gu bheil thu air d’ fhiosrachadh a chuir a-steach gu ceart nuair a tha thu a’ clàradh.