Home > Event > Oidhche Bàrdachd: No Better Place

Oidhche Bàrdachd: No Better Place

Thig còmhla rinn airson foillseachadh No Better Place, am foillseachadh bàrdachd as ùire aig Pauline Prior-Pitt.

Leughaidh Pauline agus na h-aoighean Catriona NicIlleDhuibh, Cathie Laing, agus Eilidh NicIain taghadh de na h-obraichean foillsichte ann am Beurla agus Gàidhlig beò aig Taigh Chearsabhagh. Tha Emilia Marienfeld, oileanach bhon 4mh bliadhna air a’ chùrsa ceuma Gàidhlig is Ceòl, air ceòl a sgrìobhadh airson a dhol còmhla ris an dàn, Voices of the Women Remember the Battle of Sollas. Bidh Chloe Steele a’ gabhail an àrd-ùrlar gus faclan Pauline a sheinn còmhla ri ceòl Emilia.

Air a chuir air bhog aig Seachdain na Gàidhlig, tha No Better Place a’ nochdadh eadar-theangachaidhean gu Gàidhlig le Catrìona NicIlleDhuibh agus Niall Dòmhnallach.

Thoir an aire gum bi an tachartas seo air fhilmeadh airson ar tasglann agus taisbeanaidhean san àm ri teachd.

Bu toil le Taigh Chearsabhagh taing a thoirt do Live Literature Scotland airson an taic.