Thig còmhla rinn airson òichche de bhàrdachd ionadail an cois Ceòl Uibhist a Tuath a bhios a’ fosgladh a dh’aithghearr san taigh-tasgaidh againn. A’ mhìos seo tha cuspair ceangailte ri ceòl againn: Tha an Fhreagairt a’ Sèideadh anns a’ Ghaoith.
Thoir leat dàn air a bheil thu measail no a rinn thu fhèin agus a tha thu ag iarraidh nochdadh. Leig le do mhac-meanmna dol air seachran gun strì agus thoir brìgh à briathran Dylan – dh’fhaodadh tu faclan duain, bàrdachd mu cheòl no rudeigin eile a bhuineas ri freagairtean a thoirt leat, no freagairtean fhèin no beachdan mun ghaoith fhèin! Mar as àbhaist, chan eilear a’ sparradh ort leughadh idir, dìreach thoir na casan leat, tha a h-uile duine di-beathte.
Seallaidh sinn dàn film Coma mun Ghaoith cuideachd, le Sif Nielsen agus faclan le Pauline Prior-Pitt
Bean an taighe: Emily Dodd