Home > Event > Oidhche Bhàrdachd Diardaoin Deireannaiche: Em Strang

A pale skinned woman smiles. She has brown hair and blue eyes. The background is dark and unfocussed.

Oidhche Bhàrdachd Diardaoin Deireannaiche: Em Strang

Tha an Diardaoin Deireannaiche air ais!

Bidh na h-oidhcheannan cunbhalach de bhàrdachd againn air ais agus na h-oidhcheannan a’ fàs nas fhaide nuair a bheas a’ chiad aoigh againn, Em Strangleinn air Zoom gus a cuid bàrdachd a leughadh. Thèid an oidhche a chumail air-loidhne le Taigh Chearsabhagh.

Tha Em Strang na bàrd, na nobhailiche, na meantor agus na stiùiriche bhuidhnean-obrach agus stèidhich i an carthannas Albannach, Three Streams. Tha PhD aice ann an Sgrìobhadh Cruthachail (sgrìobhadh èic-eòlach) bho Oilthigh Ghlaschu. Is iad na rudan anns a bheil ùidh aice mar sgrìobhadair ‘nàdar’ (tha eòin agus eich anns an ìre mhath a h-uile gin de na dàin aice) agus spioradalachd; gu h-àraidh dè tha e a’ ciallachadh a bhith nad neach-daonna nuair a tha èiginn èic-eòlach, shòisealta agus eaconamach nach robh a leithid ann riamh roimhe ann? Tha ùidh gu sònraichte aice ann an cleachdadh anns a’ bhodhaig: mar a chuidicheas is a cheanglas anail, gluasad agus guth an dà chuid an sgrìobhadair agus an luchd-èisteachd.

Chaidh a’ chiad chruinneachadh le Em, Bird-Woman, fhoillseachadh le Shearsman ann an 2016. Bha e air an liosta-ghoirid airson Duais Sheumais Heaney don Chiad Chruinneachadh as Fheàrr agus ghlèidh e Duais Leabhar Bàrdachd na Bliadhna aig Comann Bratach na Croise. Nochd an dara cruinneachadh aice, Horse-Man, le Shearsman san t-Sultain 2019. Thèid an nobhail aice, QUINN, a nì sgrùdadh air prìosanachadh, ainneart le fireannaich agus mathanas radaigeach fhoillseachadh le Oneworld ann an 2022.

O chionn deich bliadhna, tha i air Sgrìobhadh Cruthachail a theagasg ann an sgoiltean is oilthighean agus ann am prìosanan, agus bidh i ag aithris a cuid bàrdachd aig ionadan air feadh na RA, agus bidh i an ceannas air Àitichean Brìgheil, bùth-obrach ann an sgrìobhadh cruthachail do Thaigh Chearsabhagh Disathairne 2 Dàmhair, 10.30m gu 12.30f.

Tha Taigh Chearsabhagh ag iarraidh taing a thoirt do Live Literature Scotland airson an cuid taice.