Mhairi Killin le Fergus Hall, Tom DeMajo, Miek Zwamborn agus Susie Leiper
Thòisich sgeulachd On Sonorous Seas le closach mhuc-mhara a thàinig air Tràigh an t-Suidhe san Lùnastal 2018, aig ceann a tuath Eilean Ìdhe, far a bheil an neach-ealain Mhairi Killin a’ fuireach.
Thug faighinn a-mach ciamar a bhàsaich a’ mhuc-mhara, an neach-ealain air turas dhan chòmhdach thoinnte eadar dà àrainneachd dhoilleir; do dh’àrainn an airm agus do dh’àrainn mhucan-mara dhaibhidh dhomhainn. Thug e i air turas mara fad deich latha, air bòrd soitheach sgrùdaidh Urras Mhuc-mhara & Leumadair Innse Gall, An Silurain, aig àm na h-eacarsaich airm innleachdach as motha sa Roinn Eòrpa, air a’ stiùireadh le NATO – Joint Warrior – agus chuir e am bogadh i ann an saoghal fairgeach fuaim.
Tha fàilte bhlàth romhaibh gu ro-shealladh fosglaidh an taisbeanaidh, ann an Taigh Chearsabhagh air Disathairne 2 Sultain, aig 7f. Bidh seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.
’S e an sgeulachd air dè thachair ri muc-mhara Eilean Idhe, sgeulachd air innse le guthan saidheans, ealain, ceòl is bàrdachd. Tha e a’ dèanamh ceasnachadh air cumhachd, agus earbsa, fuaim mar inneal mhairsinneachd an dà chuid airson na mucan-mara agus dhan arm, agus an càirdeas thoinnte eadar armachadh cuantan na h-Alba agus na eag-shiostamam a th’ ann mar thà.
Chaidh a’ phrìomh phìos bhideo, A Constellation of Strandings, a chruthachadh ann an co-bhann ri neach-ealain CGI, Tom deMajo, le pìos ciùil ùr bho Fergus Hall. Air a chruthachadh cha mhòr air fad le clàraidhean hydrophone air gairm nan orca, fuaim is feadaireachd nan leumadairean, sònar an airm meadhanach faisg agus einnsinean bhàtaichean, air an clàradh air turas rannsachaidh Mhairi air an Silurian, tha Fergus air clàr-fuaim thairis air 6 gluasadan a chruthachadh, is an guth aig Lea Shaw a’ nochdadh cuideachd.
Tha am bàrd is neach-ealain Miek Zwambom, a rugadh san Òlaind agus a tha a’ fuireach ann am Muile, air bàrdachd a sgrìobhadh mar mharbhrann is cuimhneachan air na mucan-mara, le ealain-sgrìobhaidh le neach-ealain Susie Leiper air pàipear sgaoilte, air an clò-bhualadh le Miek agus Mhairi le làraich cnathain mhucan-mara a chaidh an cruinneachadh nuair an tràghadh air tìr.
Riochdaich Killin sreath podcast a tha a’ sgrùdadh an rannsachaidh air cùlaibh a’ phròiseict agus na co-obrachaichean seo. Tha na sia clàraidhean seo rim faighinn air-loidhne: www.onsonorousseas.com
Tha On Sonorous Seas an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine bho 10m-4f, Diluain gu Disathairne, ann an Gailearaidhean 1 agus 2 aig Taigh Chearsabhagh. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Tha Mhairi Killin a’ fuireach air Eilean Idhe, anns na h-Eileanan A-staigh an Alba, far a bheil i ag obair le na dàimhean phrìseil eadar tìr, muir, daoine, agus creutairean beò eile. Tha a h-obair a’ sgrùdadh na cruthan-tìre eileanach mu thimcheall oirre agus a tha na dachaigh dhith, agus tha i a’ feuchainn ri tuigse fhaighinn air mar a tha structairean creideamh – cràbhadh, fionn-sgeulach, agus sòiseo-poilitigeach – air cruth a thoirt air na h-àiteachan corporra agus meata-fiosaigeach anns a bheil i a’ siubhal.
’S e coimisean bho An Tobar and Mull Theatre a th’ ann an On Sonorous Seas, agus b’ ann an sin a chaidh an taisbeanadh a shealltainn an toiseach, san Iuchar/Lùnastal 2022. Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le AN Bursaries, Duais VACMA/Alba Cruthachail, CHArts agus The Space CIC, le taic bho Urras Mhucan-mara & Leumadairean Innse Gall, Comann Saidheans Mhara na h-Alba, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Sgeama Tràghadh Beathaichean Mara na h-Alba. Taing do Innis & Gunn airson an taic don Ro-shealladh aig GSA.
CUMAIBH AN CEANN-LÀ AIRSON TACHARTAS A BHARRACHD!
A Gathering of Air and Sea: Talla Hòstadh, Uibhist a Tuath, 16 Sultain, 6-10f
Tha A Gathering of Air and Sea ga chumail ann an co-bhann ri taisbeanadh On Sonorous Seas aig Killin, cuide ris an neach-ealain Shona Illingworth.
* Tha gach seòrsa muc-mara ann an uisgeachan na h-Alba air a’ chomharrachadh mar ghnè ghlèidhte Eòrpach agus tha feum air cead bho Nàdar Alba airson cleachdadh/cruinneachadh na closaich aca. Tha cead aig Mhairi Killin bho Nàdar Alba airson a’ phròiseact seo a ghabhail os làimh.*
Còir-deilbhe: Mhairi Killin