Home > Event > Òrain Mucan-mara Chrotach na h-Alba: A’ fuasgladh dìomhaireachd conaltraidh mucan-mara ann an Innse Gall

Underwater photo of two whales swimming side by side.

Òrain Mucan-mara Chrotach na h-Alba: A’ fuasgladh dìomhaireachd conaltraidh mucan-mara ann an Innse Gall

Ciamar a bhios sinn ag èisteachd agus a’ coimhead (a-mach) airson mucan-mara? Thigibh còmhla rinn is sin a’ leum a-steach dhan cheist seo, tro Ealain, Cheòl agus Saidheans.

Bidh am Bith-eòlaiche Mara agus Rannsaiche National Geographic, An Dtr. Natalie Sinclair a’ toirt dhuinn am mion-sgrùdadh aice air òrain nam mucan-mara chrotach a chaidh an clàradh far chosta Innse Gall – a’ chiad rannsachadh den leithid seo a ghabh àite ann an uisgeachan na h-Alba.  Bidh an taisbeanadh a’ rùraich ann an saoghal chonaltraidh nam mucan-mara, a’ togail air cho cudromach sa tha na h-òrain seo ann an obair glèidhteachais.

Caoidh; Òran an tràghaidh

Bidh an neach-ealain Sam Gare, agus an Ceòladair/Rannsaiche Alex South a’ toirt iomradh air a’ phròiseact air a bheil iad ag obair, mar fhreagairt air a’ mhòr-thràghadh aig 55 mucan-mara cheannmhor fhad-iteach ann an Tolastadh bho Thuath san Iuchar 2023.  Seallaidh Sam dhuinn mar as urrainn do dh’ealain a bhith na inneal chumhachdach airson innse na sgeulachdan againn mun t-saoghal nàdarra againn, a’ tabhann àite airson tighinn còmhla agus cuideachdadh le dèiligeadh le faireachdainnean toinnte.  Bruidhinnidh Alex mu dheidhinn am ‘multispecies musicking’ aige a tha air a chruthachadh le fuaimean agus structairean ghuthan bheathaichean eile, le mucan-mara chrotach agus cheannmhor nam measg.

Bidh seisean Ceist & Freagairt ann an dèidh na h-òraidean.

Tha an tachartas seo air a chur air dòigh ann an co-bhann ri Fèis Fiadh-bheatha Innse Gall agus le taic bhon Challenger Society for Marine Science.

’S urrainn dhuibh tiogaid a ghlèidheadh, an-asgaidh, tron t-siotam thiogaidean air-loidhne againn gu h-ìosal.  Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.