Home > Event > Òran A’ Ghìobair

Dark brown Hebridean sheep are gathered in a field as the sun sets, casting a golden orange glow over their fleeces.

Òran A’ Ghìobair

Òran A’ Ghìobair / Cân y Bugail / Artzainen Kanta / Da Crofter’s Sang / Pastirska pesma / Smalasöngurinn / It liet fan de hoeder / The Shepherd’s Song

 

Coilleagan nan gìobairean agus cunntas nan caorach: Cànan is dualchas is an eaconamaidh air an tuath san àm ri teachd

 

Nach tig thu le feadhainn à Alba agus thall thairis airson seminar aon là nuair a chumas Taigh Chearsabhagh cruinneachadh Eòrpach le òraidean, taisbeanaidhean agus filmichean, cho math ri cothroman coinneachadh, obrachadh agus fiosrachadh a sgaoileadh air càch a chèile. 

Air feadh na h-Eòrpa agus nas fhaide air falbh, tha an gìobair air càirdeas symbiotic eadar an tuathanach-cnuic a-muigh air an dùthaich no an croitear ann an eilean agus àiteachas nan treud aca ann an àrainneachd nàdarra a tha fiadhaich, àlainn agus caochlaideach. Tha na gìobairean làn eòlais is dùthchais bho shean. Agus iad ag obair nan aonar air an iomall le goireasan a tha gu math gann aig amannan tha iad anabarrach tionnsgalach ann a bhith a’ faighinn fhuasglaidhean cruthachail air duilgheadasan practaigeach. Mar luchd-saothrachaidh is luchd-beachdachaidh cruthachail tha iad cliùiteach airson a’ chomais a th’ aca bàrdachd no òrain a dhèanamh a nochdas fìrinn an fhiosrachaidh agus an àite aca. Agus na dhèidh sin, mar a tha na caoraich fhèin buailteach dol air imrich, tha seanchas seo nan gìobairean air feadh an àite, a’ togail ceann a-rithist ann an caochladh chultaran is chànan tro na linntean.

A thaobh cainnt tha gìobaireachd a’ cur nar cuimhne cuideachd gun fheumar an treud a thoirt còmhla is a threòrachadh, gus stiùireadh feallsanachail a thoirt agus sùil a chumail le aire air an treud. 

Bheir an tachartas seo còmhla fiosrachadh bho choimhearsnachdan air an tuath a’ rannsachadh mar a tha gìobaireachd anns an là an-diugh. Nì sinn sgrùdadh is comharrachadh air dìleab saidhbhir nan làithean a dh’fhalbh gus am bi tuigse nas fheàrr againn air cor is suidheachadh an là an-diugh. Bheir sinn sùil air ciùird is obraichean an lùib dèanamh na clòimhe agus air an àite a dh’fhaodadh a bhith aig gìobair gus beachdachadh ùr tionnsgalach a stiùireadh mu chàirdeasan san àm ri teachd eadar rianachd an fhearainn, eaconamaidhean cruthachail seasmhach agus cultar beò nan coimhearsnachdan air an dùthaich. 

Agus e ga chumail air-loidhne le Taigh-tasgaidh & Ionad-ealain Thaigh Chearsabhagh agus Ionad Cruthachalachd nan Eilean aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, is e an cruinneachadh seo a’ chiad fhear ann an sreath de thachartasan Eòrpach air cuspairean sònraichte san àm ri teachd.

Tha e riatanach àite a ghleidheadh gus am faigh thu cuireadh Zoom. Thèid an ceangal a chuir air post-d goirid mus tòisich an seiminear. Bidh na tiogaidean a’ dùnadh aig 9m air 15 Dàmhair.

Le taing gu Meg Rodger bho The Birlinn Yarn Company airson an dealbh aca de chaorich bheannaich.