Bùth-obrach Sgrìobhadh Cruthachail
Thigibh còmhla ris a’ bhàrd Steve Ely, sgrìobhadair Orasaigh, aig bùth-obrach sgrìobhadh cruthachail a bhios a’ gabhail àite sa chruth tìre faireachdail, chumhachdach, an eilein-mhara air an deach a’ bhàrdachd aige a stèidheachadh. Bidh Steve a’ toirt seachad an lèirsinn air cùlaibh sgrìobhadh a’ bhàrdachd agus nàdar an dàin a tha ann an dà dhòigh na bhàrdachd cruth-tìre apocailipteach: a’ dèanamh cruth-atharrachadh air dreach-tìre ann an co-theacsa dhùbailte lèirsinn air leth faireachdail an sgrìobhadair, agus èiginn Anthropocene na cruinne. Air an t-slighe, bidh Steve a’ toirt stiùireadh sgrìobhaidh agus gnìomhan a leigeas le compàirtichean a bhith a’ cruthachadh freagairt ri cruth-tìre Orasaigh anns an dòigh aca fhèin – ann am bàrdachd no rosg – no, sa mhac-mheanmna, an aire chruthachail a chur gu cruthan-tìre eile a tha cudromach dhaibh.
Fiosrachadh a bharrachd:
- Tha a’ bhùth-obrach fosgailte do sgrìobhadairean aig gach ìre – bho fhìor luchd-tòiseachaidh gu buannaichean Duais Nobel. Chan fheum eòlas sam bith a bhith agaibh, dìreach a bhith deònach gabhail pàirt.
- Coinnichidh sinn aig Cnoc Soilleir airson stiùireadh ghoirid agus faighinn deiseil mus gabh sinn cuairt ghoirid gu Orasaigh far am bi a’ bhùth-obrach a’ gabhail àite, fhad ’s a tha sinn a’ gabhail ceum coiseachd ghoirid, shocair, ann an cruth tìre Orasaigh.
- Ma tha droch shìde ann, bidh a’ bhùth-obrach a’ gabhail àite aig Cnoc Soilleir.
- Thoiribh leibh leabhar-sgrìobhaidh agus peann, agus brògan is aodach freagarrach air a’ mhachaire agus an tràigh!
Tha a’ bhùth-obrach seo ga thabhann ann an co-bhann ri taisbeanadh Orasaigh aig Cnoc Soilleir. Tha bùthan-obrach eile fosgailte airson àite a ghlèidheadh cuideachd:
- Toiseach tòiseachaidh ann an Dealbhadaireach Didseatach, le Mìcheal Faint – Là na Sàbaid 13 Lùnastal, 2-4f.
- Latha Sgrìobhaidh Cruthachail, do Chlann & Teaghlaichean, le Steve Ely – Dimàirt 15 Lùnastal, 2-5f.
Tha na bùthan-obrach an-asgaidh, ach chan eil mòran àiteachan ann is mar sin bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh ro làimhe.
Tha Steve Ely na bhàrd is sgrìobhadair, a tha air iomadh duais a chosnadh, is e stèidhichte ann an siorrachd York. Tha e air grunn leabhraichean bàrdachd fhoillseachadh, nan lùib tha The European Eel (2021), Lectio Violant (2021) agus Englaland (2015), nobhail Ratmen (2012) agus cunntas beatha air leasachadh bàrdachd a’ bhàird Shasannaich Ted Hughes – Ted Hughes’s South Yorkshire (2015). Bidh e a’ teagasg sgrìobhadh cruthachail aig Oilthigh Huddersfield, far a bheil e cuideachd na Stiùiriche air an Ted Hughes Network, ionad rannsachaidh phoblaich a’ coimhead air obair a’ bhàird. Bidh Ely tric a’ tadhal ann an Uibhist a Deas, agus bidh a’ bhàrdachd fad-leabhair aige, Orasaigh, a tha na phìos-obrach ann an co-bhann ri dealbhadair Mìcheal Faint, stèidhichte ann an Uibhist, ga fhoillseachadh le Broken Sleep Records san Lùnastal 2024.