Home > Event > Orasaigh: Toiseach tòiseachaidh ann an Dealbhadaireach Didseatach

Black and white photo of Micheal Faint standing next to a low stone dyke, looking out to a sea loch surrounded by hills.

Orasaigh: Toiseach tòiseachaidh ann an Dealbhadaireach Didseatach

Bùth-obrach Dealbhadaireachd Didseatach

Thigibh còmhla ris an dealbhadair Mìcheal Faint aig bùth-obrach dealbhadaireachd didseatach a bhios a’ gabhail àite air machaire iongantach Orasaigh, agus an t-àite mun cuairt air – suidheachadh na h-obrach co-roinnte aige leis a’ bhàrd Steve Ely, a bhios a’ nochdadh a dh’aithghearr.  Bheir Mìcheal bun-eòlas dhuibh air obrachadh a’ chamara agaibh, airson na dealbhan as fhèarr fhaighinn bhon t-suideachadh, camara agus mac-meanmna agaibh.  

Fiosrachadh a bharrachd: 

  • Chan eil àite ann ach airson còignear, bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh cho luath ’s as urrainn.
  • Tha a’ bhùth-obrach fosgailte do dhealbhadairean aig gach ìre – bho fhìor luchd-tòiseachaidh gu buannaichean am Pultzier.  Chan fheum eòlas sam bith a bhith agaibh, ach feumaidh sibh camara didseatach (idir fòn).
  • Coinnichidh sinn aig Cnoc Soilleir airson òraid ghoirid le fiosrachadh bunaiteach air dealbhadaireachd agus fios air dè a bhios romhaibh sa bhùth-obrach, mus gabh sinn cuairt ghoirid gu Orasaigh far am bi a’ bhùth-obrach a’ gabhail àite sa chruth-tìre mun cuairt.
  • Mur a bheil an t-sìde freagarrach airson dealbhadaireachd a-muigh, dh’fhaodadh gun tèid a’ bhùth-obrach seo a cur dheth.
  • Thoiribh leibh dòigh-siubhail, camara, lens, trì-chasach (ma thogras sibh) agus cairtean SD.  Neartaich na bataraidhean agaibh agus thoiribh leibh aodach freagarrach air a’ mhachaire agus an tràigh!

Tha a’ bhùth-obrach seo ga thabhann ann an co-bhann ri taisbeanadh Orasaigh aig Cnoc Soilleir.  Tha bùthan-obrach eile fosgailte airson àite a ghlèidheadh cuideachd:

Tha na bùthan-obrach an-asgaidh, ach chan eil mòran àiteachan ann is mar sin bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh ro làimhe.

’S e dealbhadair a th’ ann an Mìcheal Faint, a tha a’ fuireach ann an Uibhist a Deas, is tha e air duaisean a bhuannachd airson a’ chuid obrach.  Bha e air a’ gheàrr-liosta airson duaisean chliùmhor Sony World Photography Awards, agus tha an obair aige air nochdadh ann an leabhraichean, irisean agus pàipearan naidheachd airson còrr is 10 bliadhna.  Bidh e tric a’ sealltainn obrach anns na h-Eileanan an Iar, le taisbeanaidhean am-bliadhna-sa anns na Hearadh, Uibhist a Tuath, Uibhist a Deas agus Leòdhas.  Tha e an-dràsta ag obair air na dealbhan airson leabhar Orasaigh, ann an co-bhann ris a’ bhàrd Steve Ely, a bhios ga chlò-bhualadh le Broken Sleep Books san Lùnastal 2024.