Home > Event > Feasgar Bàrdachd le Jenny Lindsay

Poetry Evening: With Jenny Lindsay

Feasgar Bàrdachd le Jenny Lindsay

Tha Jenny Lindsay a-mach air àite, ìomhaigh is dualchas ann an oidhche shuaicheanta de dh’fhaclan air an labhairt an cois an taisbeanaidh leanmhainnich Searching Erskine.

Tha Jenny Lindsay na sgrìobhadair, na bàrd agus na neach-cluiche, a tha cuideachd an sàs ann an cur air dòigh thachartasan litreachais. Ghlèidh i Duais John Byrne airson Breitheachadh ann an 2020 agus thathar air tuairisgeul a thoirt air an t-saothair as ùire leatha, This Script, mar “calma, toinnte … agus daonnan drùidhteach is annasach glic” leis an Albannach. Tha i a’ fuireach ann an Siorrachd Àir far a bheil i ag obair air a’ chiad nobhail agus air an treas cruinneachadh bàrdachd leatha.

Bidh dreiseag ghoirid mic fosgailte ann mar chuid de dh’oidhche na bàrdachd cuideachd. Thoir leat duanag a bhuineas ri àite no sinnsearachd, no dìreach nochd is èist agus gabh tlachd às an oidhche.

A bharrachd air an sin, bidh Jenny a’ comasachadh bùth-obrach sgrìobhaidh aig Taigh Chearsabhagh air Disathairne 28 Cèitean. Airson tuilleadh fios agus cothrom àite a ghlèidheadh, tadhal air duilleag an tachartas.

Tha Searching Erskine na thaisbeanadh de dhealbhan-fuaime, de chlò, de dhealbhan, agus de dh’obair-tharraing bho Arun Sood, Rosalind Blake, Emile Kees, agus Meg Rodger, agus iad a-mach air ceanglaichean ri eilean-tràghaidh Bhàlaigh. Thathar ga thaisbeanadh ann an Gailearaidh 1 aig Taigh Chearsabhagh an-dràsta.

Bu toil le Taigh Chearsabhagh taing a thoirt do Live Literature Scotland airson an taic.