Tha sinn a’ toirt fiathachadh do theaghlaichean tighinn a chluinntinn na fuaimean neònach agus iongantach a tha ri chluinntinn air na h-eileanan againn, cuide ri Donnchadh MacLeòid, an ceòladair air mhuinntearas againn, agus Emily Durie bho Wild Things Uist. Bidh beagan dheochan againn ach bu chòir dhuibh biadh a thoirt leibh ri ithe.
Tha an tachartas seo an-asgaidh ach ’s urrainn dhuibh àite a ghlèidheadh tron t-siostam air-loidhne gu h-ìosal. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.