Home > Event > Residue

Residue

clach/facal/uèir 

’S e co-obrachadh de dhealbhan air am peantadh, bàrdachd agus dealbhan camara a th’ ann an Residue, le luchd-ealain ann an Leòdhas, Ian Stephen (sgrìobhadair, bàrd, sgeulaiche), Colin Myers (dealbhadair camara, a bha roimhe na shaor-luinge) agus Christine Mhoireasdan (neach-ealain).

Bhiomaid toilichte ur faicinn aig ro-shealladh Residue, far am bi sinn ann an còmhradh leis an luchd-ealain, air Diardaoin 9 Cèitean, aig 7f.

Tha Christine Morrison air tuairisgeulan claisneachd de na h-ìomhaighean san taisbeanadh a chlàradh, agus faodaidh sibh èisteachd riutha leis an liosta-cluiche gu h-ìosal. Tha Ian Stephen air leughaidhean de na dàin aige a chlàradh, is iad an luib na tuairisgeulan claisneachd.

Tha Colin air a bhith ag obair ann an dealbhadaireachd camara, an dà chuid analogach agus didseatach, bho chionn iomadh bliadhna agus a’ taisbeanadh ann an iomadh fòram.  Chaidh an co-obrachadh eadar Colin agus Ian a leasachadh a bharrachd tro sgeama meantaireachd An Lanntair.  Chuir Colin air adhart taghadh de na h-ìomhaighean aige a bha a’ dèiligeadh le fuigheall a’ chinne-daonna anns an t-saoghal nàdarrach.  Fhreagair Ian le bàrdachd ùr air a sgrìobhadh a dh’aona ghnothach mu choinneamh nan ìomhaighean.

Cheumnaich Christine le MFA bho phrògram Ealain, Àite & Nàdar aig Oilthigh Dhùn Èideann (2012) agus stèidhich i Shadow Studio ann am Bhatasgeir, (2022) far a bheil i sa chumantas ag obair ann am peantadh, clò-bhualadh agus dèanamh leabhraichean.  Dhealbhaich agus chruthaich Christine leabhar luchd-ealain den cho-obrachadh eadar Colin agus Ian, ann an co-bhann leis a’ pheantadh aice fhèin a tha mar fhreagairt air siubhal ann an Innse Gall bho chionn ghoirid.

Tha an taisbeanadh seo na leudachadh air duilleagan an leabhair.

Tha Residue fosgailte ann an Gailearaidh 1 + 2 bho 10 Cèitean gu 31 Lùnastal, Diluain gu Disathairne, 10m-4f.   Tha an taisbeanadh an-asgaidh agus freagarrach air gach aois.  Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: Colin Myers