Bidh sinn uile gan dèanamh gun cus smaoineachaidh ach ’s urrainn dhuinn ar misneachd a chall gu math furasta. Tha amas no rùn, no a ghainnead, aig amannan dùbhlannach no dòchasach, tric a’ brosnachadh deagh bhàrdachd. Mar sin, leigibh le ur n-inntinn a dhol ma sgaoil is mìnich rùn no amas mar a thogras sibh fhèin. Thoiribh leibh bàrdachd as toigh leibh, ’s dòcha pìos a sgrìobh sibh fhèin, agus a bu toigh leibh a thoirt seachad air an fheasgar.
Mar as àbhaist, chan fheum sibh leughadh mur a bheil sibh ag iarraidh, faodaidh sibh dìreach tighinn ann agus èisteachd. Bidh fàilte bhlàth ron a h-uile duine.
Còir-deilbhe: Tessa Rampersad air Unsplash.