Runrig: Dannsa Mu Dheireadh


  • Ceann-latha

Mòran taing do luchd-leantainn RUNRIG gu lèir a bha aig an Dannsa Mu Dheireadh ann an Struighlea air DiHaoine is DiSathairne, agus a thriall an t-astar a dh’Uibhist a Tuath airson sùil a thoirt air tasglann RUNRIG am broinn Taigh-tasgaidh is Ionad Ealain Taigh Chearsabhagh.

Abair tachartas sònraichte is dìreach mìorbhuileach a bh’ ann. Cha leigear air dìochuimhne e a-chaoidh.

An ath-bhliadhna, 2019, cuiridh sinn taisbeanadh fotografach air dòigh a dh’amaiseas air faireachdainnean nan cuirmean-ciùil deireannach a ghlacadh ‘s a chur am follais.

Dh’fhaoidte gun gabh seo a-steach ur siubhal dhan chuirm-chiùil fhèin, na cuirmean-ciùil air an oidhche, na dh’fhiosraich sibh agus sibh a’ campachadh, msaa. Gabhaidh an taisbeanadh fotografach fhaicinn maille ri tasglann RUNRIG ann an Taigh Chearsabhagh.

Tha sinn ag iarraidh air an luchd-leantainn a bha aig na consairtean post-d a chur thugainn leis an dà dheilbh as fheàrr a thog iad eadar DiHaoine is DiSathairne. Taghaidh sinn 40 dealbh a chuirear an sàs san taisbeanadh agus a chuirear ann am frèama. Ma thèid dealbh leatsa a thaghadh, gheibh thu fhèin an dealbh air a frèamadh an dèidh làimh, tron phost. Mar sin, feuch gun toir sibh ur n-ainm, an seòladh agaibh, agus an àireamh-fòin agaibh seachad an cois ur cuid dhealbhan.

Gabhaibh ar leisgeul nach fhaod sinn ach dà dhealbh a ghabhail bho gach duine.

Faodaidh sibh na dealbhan a chur gu [email protected] air neo [email protected]

Gura math thèid leibh uile!